Skip to main content

‹‹‹ prev (216)

(218) next ›››

(217)
AN DEO-GHREINE.
^95
a leura car fichead troidh a sios do'n choire.
Troimh sgàile nan giubhas bha, fada shios,
fosgladh anns am facar steallaire a' tuiteam
le toirm a lion an coire le fuaim bhinn.
Bha mi 'dearcadh air an t-sealladh so le
tlachd an uair a thàinig Màisi, agus a sheas i
làimh rium.
" Am faca sibh Peigi ? " dh' fheòraich i.
" Ma tà cha'n fhaca : 'bheil i air chall ? "
arsa mise.
" Dh' fhalbh i mach direach air dhomh
dùsgadh, agus shaoil leam gu'm faighinn i'n
àit'-èiginn dlùth làimh."
"A cheart ni a thachair riumsa 'thaobh
Dhòmhnuill. Bidh iad air falbh a' sràidim-
eachd ; ach cò aig tha fios c' àite ! "
"Tiugainnibh," arsa Màisi, "agus thèid sinne
sràid leinn fhèin ; cha bhi 'm biadh deas fad
leth-uair fhathast ; rachamaid sios chun an
steallaire sin ! " agus thug Màisi tarruing air
mo làimh.
Bha 'm frith-rathad a' teurnadh a' bhruth-
aich chun na coille. Chaidh sinn a sios an
leathad ; Màisi làn toil-inntinn leisnaflùragan
bòidheach de nach fac i 'n leithid riamh gus a
nis. Bha aon diùbh de ghuirme cho trom,
agus de chumadh cho àluinn gu'n d' thàinig
na deòir 'n a sùilean gorm fèin ag amharc air.
Bha e air lith an speur an uair is guirme e.
Bha foghnnan an sin air nach robh fad òirlich'
de chas. Bha e suas gus an amhach anns an
talamh. B' ann le m' sgian a gheàrr mi 'n
ceann deth, o mheasg nan duilleagan sgaoilte
eadar e 's an làr. Bha Màisi mar gu'n d'
fhuair i cùnnradh anns gach blàth ùr a choinn-
ich i.
Bha sinn a' dlùthachadh ris an Steallaire,
agus thug sinn suil troimh na geugan tiugha
an rathad a bha e. Bha ceò ag èirigh as an
amar anns an robh e tuiteam, agus bha 'fhuaim
cho àrd gu'm b' fheudar ar guth a thogail an
labhairt r'a cheile. Troimh 'n cheò chunnaic
sinn gu'n robh cuideiginn air an àite ruigh-
eachd air thoiseach oirnn.
" 'S iad Dòmhnull is Peigi a th' ann ! " arsa
Màisi.
" 'S iad a th' ann gu dearbh ! " arsa mise,
'g amharc air a' chàraid a bha trang a' bruidh-
inn ; ise 'n a suidhe air stoc craoibhe bh' air
tuiteam ; esan a' leigeadh a thaic ri craoibh
làimh rithe.
Thug sinn an aire d' a chèile aig an aon
àm. Dh' èirich Peigi, 's thàinig i 'n a leum
'n ar còmhail.
"Seadh gu dearbh ! Is gasda theich sibh as
an rathad," arsa mise, a' tighinn air adhart.
"Seadh gu dearbh ! " fhreagair Dòmhnull,
agus nach gasda 'thàinig sibhse air ar lorg !
Fhuair sibh a mach an t-slighe cheudna ! "
Sheas sinn càraid mhionaidean aig bruaich
an t-sruith, a' gabhail a stigh àilleachd an
àite ; an sin thionndaidh sinn a dhireadh an
uchdain chun ar braiceis. Chaidh na caileagan
gu h-eutrom air thoiseach oirnn, mar dhà eilid
a suas ri taobh na beinne.
" 'Eoghain ! " arsa Dòmhnull a' tionndadh
's ag amharc orm eadar an dà shùil, "tha rud-
èiginn agam ri ràdh riut, agus tha mi'n dòchas
nach diùlt thu èisdeachd rium. Bha e'm
bheachd, air dhomh tilleadh gu'm dhùthaich,
bean a thaghadh o mheasg nan caileagan
Gàidhealach. Mur 'eil dad agads' am aghaidh,
cha ruig mi leas feitheamh gus an tèid mi
dhachaidh. Air na h-uile dòigh air an gabhar
i, cha'n'eil aon, tha leam, is freagarraiche no
is gaolaiche na do nighean fhèin."
"Stad ! Stad ! " arsa mise, "Na rach na's
fhaide. Cha'n'eil dad agam a'd aghaidh mar
dhuine ; ach tha leam gu'm bheil Mairearad
tuilleadh 's òg air son duine thàinig gu d'
inbhe-sa. Cuimhnich gu'n robh thu fhèin 's
mise 's an sgoil còmhla."
^ "Bha ; ach tha fhios agad gu'm bheil mi
còrr agus deich bliadhna na 's òige na thusa,
agus gu'n do phòs thu glè ghoirid an dèigh
dhomh 'n dùthaich fhàgail. Cha'n'eil mi 'm
ghiullan, cinnteach gu leòir ; ach mur 'eil dad
aice-se 'm aghaidh, an tilg thusa cnap-starra
's an rathad ? "
" Cha'n'eil fhios agam gu ro mhath ciod a
their mi ! "
"Eisd riumsa," arsa Dòmhnull a rithis,
"Tha fios agam gur ni mòr a tha mi 'g iarraidh
ort ; ach smuaintich air an aoibhneas a bheir-
eadh e dhòmhsa do nigheansa fhaighinn !
Nighean mo charaid ; caileag Ghàidhealach,
as a' bhail' againn fhèin. Bhiodh boirionnach
's am bith eile,— ciod air bith cho math 's a
dh' fhaodadh i 'bhi, — mar choireach dhomh a
nis, an dèigh an spèis a th' agam do Pheigi."
Bha sinn air an tigh a ruigheachd ; mar sin
cha robh tuilleadh cothromair bruidhinn mu'n
chuis aig an àm ; ach 's e 'thàinig as, gu'm
faca mi gu'n robh taobh blàth aig Mairearad
ri'm shean charaid. Shocruich sinn nach
biodh ceangal eatorra gus am biodh
Dòmhnull greis aig an tigh. Mur tach-
radh e air tè bu docha leis, dh' aontaicheadh
a mathair agus mise gu'n tilleadh i leis do'n
dùthaich chèin a bha nis dha mar dhachaidh.
Goirid 'n a dhèigh sin thill sinn dachaidh
do'n Tairbeart ; oir cha robh fonn air Ciorstan
no ormsa dol na b' fhaide. Bha e goirt oirnn
ar caileag a chall.
Tha greis uaith sin. Air son Dhòmhnuill
dheth, cha do chord nighean eile ris ach a'
cheud tè air an do leag e 'shùil. Cha robh
atharrach air ach striochdadh, agus Mairearad
a thoirt suas dha, a chionn cha b' fhiù leatha
gille 's a' bhaile làimh ri Dòmhnull.
Tha mi'n dòchas nach do sgithich mi sibh
leis a' chuid mu dheireadh so do'm naigheachd;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence