Skip to main content

‹‹‹ prev (214)

(216) next ›››

(215)
AN DEO-GHREINE.
193
each, seach eagal a chur air Ciorstan ; agus
ruig sinn an t-iochdar gu tèaruinte. Air
dhuinn uile faighinn a rithis gu ar casan, rinn
am meinneadair againne glaodh ris an fhear a
bha gu h-àrd gu'n robh an rathad rèidh.
" Seadh ! " fhreagair am fear eile, "thig sinn
am prioba ! "
Sheas sinn mu'n cuairt aig cas an t-sleamh-
nachain le fiughair ri Peigi fhaicinn a' teurn-
adh cho socair 's a rinn sinn fhèin ; ach mu'n
gann a thog sinn ar sùilean — deis-dè ! — bha i
aig ar casan.
Chum an sean mheinneadair air a h-ais i a
dh' aon obair ; agus thàinig e leatha cho grad
agus ged a thuiteadh iad as na speuran.
Chaidh a' choinneal aice as, agus cha mhòr
nach do stad a h-anail le luathas an t-sleamh-
nachaidh ; ach, an uair a thàinig sinn uile
mach le glag gàire, ghàir i fhèin cho cridheil
ruinne.
" Cha b' urrainn domh thuigsinn," ars i,
"c 'arson a thuirt an duine, dà uair thairis, an
robh mi cinnteach gu'n robh greim diong-
mhalta agam air a chòta. An droch stic esan ! "
Bha sinn a nis air ùrlar a b' isle, 300 troidh
bho sholus latha. Ris an làimh dheis bha dà
shloc fharsuing, às an deachaidh an salann a
chladhach. Bha'n sloe a bu lugha 50 troidh
air doimhnead ; an aon eile 60 troidh. Air ar
beulaibh, beagan shlatan uainn, bha bruach
creagach ag èirigh mar bhalla. Fo'n chreig,
a' ruith a nunn as an t-sealladh foidhpe, bha
cearcall de choinnlean, mar chrios rionnagan,
a' lasadh suas oir lochain shàile. Thug so
tomhas èiginn duinn air meudachd an lochain.
Chaidh sinn chun ceadha beag, agus ghabh
sinn a stigh do bhàt' an aiseig.
Cha'n'eil e comasach dealbh a thoirt dhaibh-
san nach fac a leithid, air cho dubh 's a
tha coslas uisge far nach 'eil leus idir de sholus
latha. Bha sinn a' seòladh mar air loch duibh.
Ged a bha na coinnlean a' tilgeadh soluis
fhann air, cha d' rinn iad ach an duibhre
'dheanamh na b' fhollaisiche.
Dh' amhairc mi suas. Os ar ceann bha
sgaoilte speur creige, cho iosal gu'n do chuir
mi suas mo làmh gu beantainn ris. Cha
d' èirich grian no gealach riamh air ; ni mò
rinn sgiath eòin itealaich thairis air. Cha do
thilg iasgair riamh a lion 's an lochan so, gu
iasg a ghlacadh. Thum mi mo làmh anns an
t-sàile, agus dh' fheuch mi e air bàrr na teanga.
Bha e gu math na bu shailte na sàile a'
chuain.
Dh' innis an sean mheinneadair gu'n robh
feadain air an leagadh eadar an lochan so
agus na bailtean uile mu'n cuairt, gu astar
ceud mile. Mar so, an teis-meadhon tìr-mòr
na Roinn Eòrpa, bha e comasach do mhuinntir
nam bailtean iad fèin fhailceadh an sàile.
Mar so bha ionmhas diomhair nan slèibhtean
a' craobh-sgaoileadh slàinte agus neirt air son
a chinnidh-dhaonna.
Air dhuinn taobh thall an aiseig a ruigh-
eachd, agus faighinn air tir aon uair eile, dh'
fharraid Peigi :
" An aim an so a tha na carbadan ? "
" 'S ann direach an so a tha iad," fhreagair
an sean mheinneadair. "Ach 's e 'cheud rud
na coinnlean a thrusadh ; cha bhi feum tuill-
eadh orra."
Air so a ràdh, thug e na coinnleirean uainn,
agus chuir e iad a leth-taobh, air sgeilp 's a
chreig.
Thugadh am follais, an sin, furm fada, caol.
Bha e air a dheanamh de aon rong min
fiodha, le cathair dà-làimh aig gach ceann
deth. Bha'n dithis ag amharc an aon rathad.
Bha cuibheall bheag air gach cas de na cath-
raichean, agus bha stiùir air a' chathair-mhòir
air thoiseach. Thug sinn an aire gu'n robh
slighe aimh-leathann iaruinn air a leagadh air
an rathad. Chaidh na cuibhleachan a chur
mar a bu choir, air na slatan iaruinn. Shuidh
a' cheud mheinneadair air a' chathair thoisich,
agus ghlac e'n stiuir. Mharcaich Dòmhnull
air an fhurm, air a chulaibh, agus ghabh e
greim daingeann air cul na cathrach. Chaidh
mis' air a chùlaibh-san, agus ghlac mi e mu'n
mheadhon. Thàinig an sin Ciorstan agus na
caileagan, aon ma seach, a' gabhail greim air
meadhon na tè air thoiseach oirre. An sin
shuidh an sean mheinneadair air a' chathair
aig an deireadh.
" A nis," ars e, " air na chunnaic sibh riamh
na caraichibh làmh no cas ; ach cumaibh ai
làmhan glaiste mu chèile ; ma ghluaiseas sibh
eang, cha'n abair mise ciod a thachras ma
thuiteas sibh dheth."
Shèid e as a choinneal agus air falbh ghabh
sinn 'n ar sgriob, le luathas na gaoithe, 's le
dairirich gun chiall, troimh an trannsa dhubh,
dhorcha. Thigeadh fead an so, agus sgread
an sud an uair a bha sinn a' ruidhleadh
seachad air na fosglaidhean 's a chreig.
Faodar bruidhinn mu chleas nam buidseach,
a' dol troimh 'n adhar air sguabaich ; ach, gun
fhacal brèige, bha sinn cho fad' air adhart riu,
a' marcachd air furm air an t-seòl so. Ciod a
theireadh muinntir an Tairbeirt na'm faigh-
eadh iad sealladh dhinn air sgèith 's an earr-
adh so !
Chuala mi Ciorstan a' feuchainn glaodh a
dheanamh rium ; ach aon smid cha b' urrainn
domh 'thuigsinn. Bha eagal mo chridh' orm
gu'm feuchadh i ri gluasad air an dreòl, agus
chuir mi aon làmh air mo chùlaibh gu greim
a chumail oirre. Ghlaodh mi cho àrd 's a bh'
agam : "Na caraich air na chunna tu riamh !"
Ach 's gann a bha'm facal as mo bhi lean an
uair a leum sinn am mach às an duibhre gu
soillse geal meadhon latha, agus leum sinn air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence