Skip to main content

‹‹‹ prev (180)

(182) next ›››

(181)
an ©eo-^nHèjNe
Leabhar I.]
An Seachdamh Mios /go6.
[Earrann 10.
CONTENTS.
PAGE
Eadarainn Fhin, 157
The Harp in Legend and History, 158
Turus Eogfiain Bhain Do'n Roinn Eorpa, .. .. .. 159
The Reclamation of the Wastes I62
Unrecorded Gaelic Melodies 164
A Crown of Sorrow, .. .. .. .. .. 165
Treuntas Sheann Daoine, .. .. .. .. .. .. 167
Only a Medley 168
Gaelic Technical Terms, .. .. .. .. .. .. 160
Notes from Our Watch-Tower, .. .. .. .. .. 171
Children's Competitions, .. .. .. .. .. .. 171
EADARAINN FHIN.
Tha an ath Mhòd a' teannadh ruinn, agus tha
euisean a' gealltainn nach bi e dona. Ma 's
urrainn balaich an Obain cha robh Mod againn
fhathast nach bi fada air dheireadh air an
fhear-sa aim an doigh no dhà. Tha iad ag
ullachadh air son na miltean ris am bheil duil
aca, agus tha sinn cinntearh gu'n teid leo ged
a b' ann air Crò Mhic Caig a chuireadh iad
mullach. Theid call ort nach dean thu suas
am bliadhna mur a bi thu làthair comhla ri
each.
Tha ni àraidh air son am bi cuimhne air a'
Mhòd-sa seach gach Mod eile bha againn.
Tha òraidGhàidhlig gu bhi air a toirt seachad
aig fosgladh a' Mhòid, agus 's ann anns a'
Ghaidhlig a bhios an Runaire a' gairm air
an fheadhainn a bhios a' gabhail pairt ann an
obair a' Mhòid. Bha sinn a' searmonachadh
mu'n Ghàidhlig fada gu leòr, ach tha sinn a
nis a' dol a thoirt greis air cleachdadh ach de
mar a theid leinn. Tha amharus gur h-ann
mar is fhearr an cleachdadh gur h-ann mòran
is fhearr an searmonachadh.
* * *
Chunnaic sinn ann an àit-eigin gu'n ghabh
Ceann-suidhe urramach "Connradh na Gàidh-
lige" an t-aiseag a nail air cuan America, agus
suim mhaith airgid na sporan, air son a bhi
cuideachadh aobhar na Gàidhlig ann an
Kirinn. Gu'm bu fada beò e fhein, agus
buaidh agus beannachd le shaothair air son
Gàidhil chòir na h-Eirionn. Cha n'eil iadsan
'nan cadal, 's a chor 's nach 'eil bidh piseach
air ceann na Gàidhlig 'nam measg.
Tha sinn fhin taingeil nach 'eil sinn gun
cuid-eigin 'nar measg anns am bheil cuibhrionn
de'n dearbh spionnadh ud. Tha dòchas maith
againn a thaobh na Gàidhlig ann an Alba, a
chionn gu'm bheil againn caigeann no dhà
nach caomhainn saothair inntinn no cuirp anns
an t-seirbhis. Tha ullachadh mòr 'g a dhean-
amh air son Fèill a tha gu bhi aig a' Chomunn
ann an Glaschu an ath bhliadhna, 's tha sinn
an dòchas gu'n dean na Gàidheil anns gach
àite an dichioll gus am bi feill againn a bhios
eireachdail. Gabhaidh an fheadhainn a tha
an earbsa rithe bathar de sheorsa sam bith ma
ghabhas e reic, 's tha iad an dòchas gu'm bi
daoine fiadhlaidh riu. Tha sinn a' cur feum
air suim mhòr airgid a chum na bu mhaith
leinn a dheanamh air son na Gàidhealtachd,
a canan, 's a litreachas a chur gu mai.th air
adhart. Tha iomadh dòigh eile cuideachd
anns am biodh e comasach dhuinn ar luchd-
dùthcha chuideachadh a chum an teachd-an-
tir a dheanamh na's socair 's na's pailte. Gach
fear leis am maith leas a dhùthcha, agus do
am bheil e idir furasda, cuireadh e ghualainn
fo'n ealach.
* * *
Tha sinn a' cluinntinn gu'm bheil e fàs air
leith fasanta a bhi cur eòlas air a' Ghàidhlig.
Cha'n fhiach cèilidh nocruinneachadh fealadhà
a nis mur a bi òrain Ghàidhlig air an seinn.
Leugh sinn uaireigin mu chèilidh a thug tè
ann am Boston o chionn ùin ghoirid, agus an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence