Skip to main content

‹‹‹ prev (168)

(170) next ›››

(169)
AN DEO-GHREINE.
145
uair a thuirt a chompanaich ris nach seasadh
a bhodhaig ris mur gabhadh e tàmh, agus mur
d' thoireadh e aire d'a shlàinte. Mar a thubhairt
b' fhiar, bhrist air a shlainte ann an ceann nan
cuig bliadhna. Rinn tuilleadh 's a choir do
dh'ionnsachadh angnothachair. Thromaichair
cho mòr 's gu'm b' fheudar dà Dunèideann
fhàgail agus 'fhoghlum thoirt thairis. Thòisich
pian na thaobh agus bha e cur a mach na fala.
Cha robh e fhèin a' gabhail ris cho dona 's a
bha e, agus mar sin cha robh e toirt an aire
bu chòrr dha air fhein. Thàinig e dhachaidh
do dh' Iarshiadar, aite 'bhreith agus àraich,
sgil agus seòlaidh aig àm trioblaid. Bha eòlas
math aige air cùisean lighiche mar a bha e,
agus na'n robh e air a chumhnadh, tha sinn
cinnteach gu'm biodh Dr. Smith à Iarshiadar
ainmeil anns a Ghaidhealtachd air fad.
Rinn e an t-òran a leanas air dha cuairt a
thoirt do'n àiridh.
AN SAMHRADH.
Tha 'n samhradh cridheil eibhinn ann.
Tha tlus 'us blàths' na'n speuran ann.
Tha gathan grinn na grèine,
Air na speuran 'cur dreach òir orr'
Fonn :—
Eiribh rachamaid do'n ghleann,
'S gu faic sinn ann na caileagan.
Eiribh rachamaid do'n ghleann,
'S gu faic sinn ann na h-òighean.
Bidh crodh is buair 's treudan ann,
Mardh'òrduichRighna speuran dhuinr.
Chaidh crioch air uaill na 'n eucorach,
A nis bho cheusadh Dòmhnull.
Na beanntan boidheach gaolach.ud,
O ! marbhaisg air na daoine sin,
Le'm b' àill gu 'm biodh na h-aonaichear,
Fo aolach damn na cròice.
B'e fleasgach amh neo-threubhach e,
A bhiodh gu righinn èislinneach,
Aig baile 's tlàth na'n eibhlean air,
Nach sireadh 'eimh na h-òige.
Tha gruagaichean cho lionmhor ann,
Le gruagan dualach sniomhanach.
Cò 'shealladh air an sgiomh a th' orr',
Nach miannaicheadh am pòsadh.
A mhaise 'bhuilich nadur orr'
Chab'usgraichean'schab'fhàinnichean,
'S cha b iomhaigh brèid na tàileasgan,
Mar tha aig luchd na pròise.
Bu ghoirid cuairt na h-oidhche leinn,
Gu 'n deanadh latha soillseachadh,
Ri leannanachd 's ri coimhnealachd,
'S gur fada thall bha bròn uainn.
J.N
:o-4»-o:
M.
agus ged a bha e breoite tinn, thuige 's uaith'
a sior chaitheamh, agus a dol sios le bochdainn,
chuir e seachad seachd bliadhna fada 'n sin mu'n
do bhàsaich e. Bha sin timchioll air a bhliadhn'
uir 1881, aig tri-bliadhn' deug thar fhichead a
dh' aois, air a bhriseadh sios ann an toiseach
a latha 'nuair a bha' ghrian fhathast ann an
aird na'n speur. Na'n robh Iain Smith air
sineadh saoghail fhaighinn bha e air cliu oibr-
eachadh a mach dha fhèin araon mar lighiche
agus mar bhàrd, agus ged nach d' fhuair e
cothrom dol troimh 'n fhoghlum uile 's iomadh
duine an 'sgire do'n d' rinn e feum le 'bhi toirt
AN FHEILL.
Chaidh Uomhnull a chèilidh air Alasdair an
oidhche roimhe. Bha Domhnull mar a tha
mòran eile, ri 'g altrum beachdan faoine mu
luach a chainnt mhàtharail. Shin Alasdair is
e fhèin air còmhradh mu'n chùis, agus so mar
a chriochnaich iad :
Alasdair— Tha 'chilis mar sin eadhoin gus
an latha diugh nach fhaod a' chlann Gàidhlig
a bhruidhinn anns a' sgoil ; ach a's e run a'
Chomuinn Ghaidhealaich nach bi i ann mòran
na's fhaide. Bha iad cheana 'n am meadhon

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence