Skip to main content

‹‹‹ prev (155)

(157) next ›››

(156)
T 3-
AN DEO-GHREINE.
agach 'g am buachailleachd. Theirinn mi 'n
leathad, air son uair a chur seachad an cuid-
eachd a cheile ; Shuidh mi' làimh ris, 's ghabh
mi a sgeul.
"An ciobair sibh" arsa mise ? "An da," ars
• 'sail. " 's ciobair an dràsd mi co-dhiù, ach chuir
mi seachad na deich bliadhna-fichead a 'b'
fheàrr de mo shaoghal air fairge.
Cha'n'eil cearn de'n t-saoghal nach do shiu-
bhail mi, 's tha mi nis a' cur nan làithean nni
dheireadh de mo bheatha seachad far an do
chuir mi seachad na ceud Laithean." Chunnaic
mi gu'n do thachaircompanach &osrach,eòlach,
bruidhneach, orm, agus bho'n bha sinn 'nar
suidhe, mar tha'n sgeulaiche ag radh "ri cùl
gaoithe 's ri aodan greine" rinn mi mi;is m'inn-
tinn greis thaitneach 'bhi again comhla ris.
"X da mata." arsa mise ris, "nach iomadh
sealladh neònach a chunna' sibh ; agus cunn-
art mòr a ruith sibh n' ur latha ? " " 'S iom-
adh," ars esan, "ach an creid sibh so, gur
h-ann am dhùthaich fhèin, agns mn'n, d' fhàg
mi riamh i, 'a ruith mi 'n cunnart bu mhotha
ruith mi riamh. Ma tha ùin' agaibh innsidh
mi naidheachd iongantach dhuibh."
"Bidh mi ro-thoileach," arsa mise," 's fhiach
naidheachd mhaith èisdeachd, agus fuireach
rithe" Thuig mi air gnùis an duine gu'n robh
rud-eigin taitneachaige r'a innseadh, agus ann
an tiotan bha e na ghleus. Chuir e cutag dhubh
phioba na bheul, thug an chuach-theine sgread
air an spòr, 's auair tharruing e ceò as a chut-
aig, dh'-aithris e sgeul cho neònach sa chuala
mi riamh idir, agus so agaibh e faral air an
fhacal : —
" Xuair bha mis' am gh ill' og," ars esan,
"bha e na chleachdadh againn daonnan dol
tràth s an Earrach a shealg a' choilich-
dhuibh do'n choille. Aig an am shonruichte
so de'n bhliadhna, tha sibh a tuigsinn, tha e
na ghrè anns choileach-dhubh cruinneachadh
11 ;iin heheadan, aig bad sonruichte, aigoir na
c;oille gu cath an àm suiridhe na circe, agus
an coileach a choisinneas an rath gheibh e
seilbh air a chirc. 'Se sin fàgail nadnrr 'n eoin.
'S an uair tha iad a cruinneachadh mar so nan
aon tòrr thocothram sonruicht aig an t-sealgair
orra. Air latha sonruichte mata, rinn mi-fhin
agus companach domh suas r'a cheile dol a
Dhun-dubh a' shealg a'choilich mar b' àbh-
aist. A nis tha'n Dun astar mòr as an so,
agus bha againn ri falbh oidhche roimh 'n àm,
agus cur suas ann an àiridh gu maduinn.
Thanaig an latha, agus deadh latha cuideachd,
an deign greis doshide ghairbh, Bha laithean
roimhe sud, mar gu'm biodh an t-earrach òg
mear neartmhor an deigh buaidh fhaotainn
ann an gleachd ghairbh air a' gheamhradh
fhann. Bha neòil mhòra, throma, dhubha, a
snàmh gu socrach anns na speuran ; agus iad
mar gu'm b'eadh sgith claoidhte leis an strith.
Bha ghrian mhiigacli air siaradh gu maith
'nuair a dh' fhàg mise an tigh, agus a casan-
carabaid a sputadh a soluis air gach cnoc, 'n
mi air an rathad troimh 'n mhonadh gharbh.
Bha mi cumail suil gheur air gach taobh dhiom,
is roniham is am dheigh air son Mhurchaidh,
ach alt dheth cha robh r'a fhaicinn. Bha mi'n
dòchasmaith dh' Fhaoidte gu'm biodh eromham
's an àiridh, oir creidibh gu'n robh seòrsa de
dli' lliiamh orm mi bhi 'm aonar ann an gleann
dubh, dorcha, fàsail, uaigneach, fad oidhch'
Karraich. Coma leibh na cò-dhiubh, rànaig
mi'n gleann an tuiteam na h-oidhche. Cha
robh duine romham. B'e sud an àrach Ihuar,
gun aoidh, ach thog mi teine, 's an uair a
bhoisg e mach thog mo mhisneach mar an
ceudna. Chuir mi seachad pàirt de'n oidhche
ri 'g iosgaireachd, tarr-uing a mach luaidhe, sa
gearradh chiophainean — ach Murachadh cha
d' thanaig. Shuidh mi taobh an teine. phaisg
mi mo Lamban, 's leig mi mo smeig air m'
uchd, chum greis do shocair a ghabhail agus
codhiù 's e tuiteam ann an dusal cadail a rinn
mi, na gu de, thachair rud cho neònach 'sa
chuala duine riamh. Agus a chionn 's gu'm b'e
bu reusan sgu'n d'thanna' mi thro'n chunnart
as an d' thanna mi'n oidhche ud innsidh mi
mar a bha. Bha learn mata gu'n cuala mi
casad, 's gu dè ach gu'n de shaoil mi gu'm b'e
Murachadh a bh' ann, ach cò 'choisich a steach
ach seann duine mòr liath. Chuir e ioghnadh
mòr orm a leithid de sheann duine a bhi 'na
leithid do dh' àit, iomalach, aig a leithid do
dh' am de'n oidhche. Ach co dhiù thug mi
cuireadh a steach dha. Thànaig e air aghaidh,
's shuidh e mu'm choinneamh gun aon diog a
radh ach a' suathadh a bhàs 's a' sealltuinn
orm 's an dà shuil. "Tha i fuar" arsa mise.
"Tha i car fuar" ars' esan. "Cha 'n 'oil a' so
ach àite gu maith iomalach. Tha fios gu'n e
an rathad a chall a rinn sibh," arsa mise, "O !
cha 'n e" ars' esan. "Thanaig mi far an robh
thu I'hein direach, oir bha turus beag agam
riut." Chuir sud ioghnadh na bu mho' air fad
orm — duine nàch faca mi riamh roimhe, agus
gu dè lios a bh' aige gu'n robh mi 'n Dun-dubh
an oidhch ud ? "Cha'n'eil dùil agam gu'm faca
mi riamh sibh," arsa mise. "Co sibh mar a
miobhail a cheisd i" "Cha 'n 'eadh," ars' esan.
"An cual thu riamh iomradh air Seamus Ban a
bha'n Tir-eargair ? "Iomadh uair sin," arsa
mise. "Piobair cho maith 'sa bha' Muile 'na
latha. 'Sa sibhse Seamus Bàn, piobaire mòr
Thir-eargain ? "Cha mhi," ars' esan, "ach 's
mi mhac. 'S e piobaire 'bha 'm athairse mar
tha thu 'g radh ; agus 'se sin a thug far am
bheil thusa nochd mi." Be sud ioghnadh bu
mho air fad. Chuimhnich mi gu'n deach'
Seamus Ban -,'sa theaghlach do dh-Ameriga
fad nm'n do rugadh mise, 's gu dè air an
t-saoghal an turus a b' urrainn a bhi aig an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence