Skip to main content

‹‹‹ prev (99)

(101) next ›››

(100)

AX DKO-GHUhlM..
Dòmhnull ; "cha'n'eil mise dol a dh'itheadh
duine 'sam bith ; ach cha ruig esan a leas
tighinn an so a chonnsachadh. Xa leig thusa
dad ort ciod air bith a chluinneas tu."
Cha robh na briathran so ach gann air an
labhairt nuair a chualas gnog Sheumais aig an
dorus. Ann an tiota eile bha e 'stigh *s a' cur
fàilte air Màiri 's air Dòmhnull ; 's bha iadsan
a' cur fàilte a cheart cho cridheil air. (inn
dàil 'sam bith chaidli Màiri a null is thog i
an coire air an t-slabhraidh.
" 'S gu dè sin," arsa Dòmhnull, an deigh
dhaibli suidhe, "an naigheachd a 's fhèarr a
th'agad fhein, a Sheumais ? 'S tu th' air fas 'nad
làn-dhuine orni : ach cha'n'eil thu cho garbh
's a bha t' athair, an duine còir : 's gu dearbh
b'esan sin."
" 'S iomadh naigheachd sin a dh' fhaodadh
a bhi agam," arsa Seumas ; "ach tha uiread
de nithean a' tachairt am muigh an Glascho
a h-uile latha, 's de ghnothaichean iongantach
a' sior dhol air aghaidh air am bheil sinn air
fàs cho eòlach 's nach fhiach leinn a bhi toirt
iomraidh orra. 'S e nithean mora a bhuineas
do'n dùthaich gu lcir air an docha leinn a bhi
labhairt."
"Nach beannaichte 'n t-àite beag so againn
fhein," arsa Dòmhnull, "far an cuir mi ùigh
aims a h-uile rud riamh a thachras, 's an dean
mi naigheachd dheth, ged nach biodh aim ach
gu'n do reic Alasdair Ban a' mhuc mhòr, rud
a rinn e 'n diugh fhein; 's gu dearbh rinn e
sin gu math : fliuair e h-uile sgillinn oirre b'
fhiach i. 'S tu fhein a bhios toilichte faighinn
dhachaidh à straighlich Ghlascho sin, 's fois
fhaotainn do d' inntinn 's do d' choluinn fad
beagan làthaichean. Gu dearbh tha sinne
toilichte t' fhaicinn. Tha thu aim an àite
math am muigh an sin ? "
"I", tha, gle mhath," arsa Seumas, a' cur
suarach a h-uile ni eile air an robh Dòmhnull
ag iomradh. "An robh sibh aig a' choinneimh
a bh'anns an tigh-sgoile ? "
"Cha robh," arsa Dòmhnull gu math goirid.
Thainig sealladh cianail ami an sùilean
Mairi ; ach cha dubhairt i facal.
"Ma ta,a Dhòmhnuill/'arsa Seumas, "thàinig
mise so an nochd gus am Fiscal policy a nihin-
eachadh dhuibh."
"An da ! Sheumais, tha mise 'nad chomaine
gu dearbh," arsa Dòmhnull. Tha mi cluinn-
tinn gu leòrmu dheighinn ; ach cha'n'eil fhios
agam fo'n athar uaine gu dè thae 'ciallachadh.
Tha mi eòlach gu leòr air an Fhiscal ; ach
< ha 'n aithne dhoinh idir co e am Policy so a
bhios còmhla ris daonnan. Thaecoltach gur
h-esan a bhios a' deanainh na h-aimhreit gu
lcir; 's tha thuar nach beag a th'ann dith."
"( ), Dhòmhnuill ! An aim mar so a tha
sibh ? " arsa Seumas. "Shaoil mi gu cinnteach
gu'm b' aithne dhuibh beagan rau'n ghnothach
so. 'S e tha an ni a' ciallachadh : an dòigh
a's fhèarr is urrainn luchd-riaghlaidh na
dùthcha so gach duine dheanamh na's beart-
aiche na bha iad riamh."
" 'X e sin a th' aim ? An ami air son sin a
dheanamh a tha e? " arsa Dòmhnull, 's ma's
fhior, annas mòr air. "Tha mise air làrach
nam bonn air a shon ; 's tha h-uile duine
riamh mu chuairt an so air a shon cuideachd ;
's aim agad fhèin, a charaid, a tha an naigh-
eachd a's fhèarr a chuala mi fhathast."
" Cha'n'eil sibhse uile gu leir 'gam thuig-
sinn-sa," arsa Seumas, is liamh gàire air; "ach
cha'n'eil sibh cho fada cearr. Tha Chamber-
lain ag radii gur h-ann mar sin a bhitheas — 's
bu choir fios a bhi aigesan."
"Co a thubhairt thu?" arsa Dòmhnull, a'
cur stad air.
"Chamberlain," arsa Seumas gu pongail.
"Caimbeulach ; an e sin a th' aim ? " arsa
Dòmhnull. " 'S ami aigesan a tha'n t-airgiod?"
" Cha'n aim," arsa Seumas, 's e call l'oigh-
idinn ; "ach ni e an t-airgiod dhuibh."
"Gu dearbh, tha mo làn cheadsa aige, co-
dhiubh," arsa Dòmhnull. "'S cuin a gheibh
sinn e ? "
" 'S aim air doigh ain-direach a thig an
t-airgiod so a steach oirnn, a Dhòmlmuill,"
arsa Seumas. " 'S e tha 'm beachd an duine
so Raw Material a leigeil a steach gu saor,
agus — "
" Stad ort a nis, a Sheumais," arsa Dòmh-
null, 's e, ma's fior, anabarrach toileach fios-
rachadh fhaotainn niu'n chùis. " Tha dhith
ormsa a h-uile facal a th'ann an so a thuigsinn.
Coinnichidh sinne an t-airgiod rathad 'sam
bith a thogras e tighinn oirnn. De'n rud a
th' amis an Raw Material ? "
"Tha. a dhuine," arsa Seumas, "nithean
neo-dheasaichte, amh, mar a th' aim an cotan
's rudan mar sin."
"Seadh direach," arsa Dòmhnull ; "dh'aith-
nich mi fhein gur h-ann a' magadh orm a bha
thu o thoiseach. Ciamar eile a thigeadh an
cotan ach amh? An ann bruich a thigeadh e?"
"Cha'n'eil sibhse, Dhònihnuill, a' tuigsinn
an rud sin ris an abair sinne technicalities" arsa
Seumas, s' e lior-dhuilich mu'n staid dhorcha
aims an robh inntinn Dhòmhnuill.
"Cha'n'eil — buidheachas do'n Fhreasdal" —
arsa Dòmhnull, "eòlas 'sam bith agamsa ach
air a' chadal-deilgneach a bhios air muinntir
an àite so fhein."
"Cha d' thug mise iomradh air cadal-deilg-
neach," arsa Seumas; "ach na'm biodh sibhse
'nur dusgadh cho math 's bu choir dhuibh a
bhi, i hitheadh sibh gur h-e so an rud a dhean-
adh feum do'n diithaich."
"Cha'n'eil thu fuireach agam a nis idir,"
arsa Dòmhnull. "An e rud air son na duthcha
a th'ann ? An e seòrsa dh' inneir a th' aim ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence