Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
AX DKO-GHRKIXK.
cinnteach gu leòir, bu ghasda Gàidhlig a
tabhairt, na 'n robh sin comasach; ach cuin a
tha ùin' againn dol rithe ! Nach suaicheantas
gu leòir am breacan, a' phiob, agus na h-òrain
a tha air an cumail suas 'nar cuideachdan, far
am faigh sinn beagan sòlais ! " Agus mar sjn
a sios. Cha ghabh an òigridh aig an àm a tha
'n làthair gnothuch ri ni nach eil furasda, no
nach eil co-cheangailte ri fearas-chuideachd.
Tha a' mh'i -si mi -air so, an gaol air toileachas-
inntinn, air call a thoirt oirnn is modha eadhon
na call na ( ìàidhlig. 'Sesincallan seanndiorrais
agus na smioralachd a bha 'nar n-aithrichean
ami am buidhinn cuspair mhaith air bith air
an n>bh cridhe no inntinn an geall. Thuirt
mi gur i a" Bheurla an nàmhaid a bu mhodha
bh' aig a' Ghàidhlig ; ach is miosa 'n t-eas-
caraid s<>, oir tha e 'n taobh stigh dhinn ; agus
is cruaidh an ionnsuidh a dh' fheumar a thoirt
mu 'm faighear buaidh air.
Tha droch stic eile 'nar measg ; 's e sin
dith-aonachd. Tha mi 'n dòchas gu 'n teid a
spadadh air a' cheud bhuille. Cha tèid againn
air dad idir gus an tilgear as ar meadhon e an
comhair a chinn. Seallaibh fèin mar a bhios
sinn a' liodairt a cheile amis a' phàipear-
naigheachd mu ni, iomadh uair, cho faoin ri
Facal. Ma tha sinn ri teannadh ris a' Ghàidhlig
a chumail beò, 's e a' cheud ni agus an ni
deireannach gu 'm bitheamaid aointe ri chèile
mar aon duine. Tha mi fiosrach na 'n coinn-
icheadh dithis air bith dhiubh-san a tha sapaid
amis na paipearan, aig ceilidh, no co-chruinn-
eachadh ( ìàidhealach, gu 'm biodh iad càirdeil
suairceil ri cheile aig a' cheud phlathadh. Mar
sin tha mi guidhe oirbh gun da.il, ar n-airm-
chogaidh a thionndadh an aghaidh an nàmhaid
choitchinn, agus sgur de 'bhi caitheamh ur
neirt ami am faoin-chleasan nach hù.
Tha aon ni eile a dh' fhaodar ainmeachadh,
a tha toirt air ar claim a bhi suarach mu
labhairt aa Gàidhlig. 'S e sin eadar-phòsadh
nan Gàidheal le Goiil, is le Sasunnaich. An
uair a tha so a' gabhail àite, mar is bitheanta,
tha a' ( ìhàidhlig air a cur an cùil as an rathad.
IV aithne dhomh aon chàraid de 'n t-seòrsa so.
Chum an dithis ri 'n cànain fa leth, gun sniid
riaiuh a labhairt de chànain a cheile. An
uair a theireadh a' bheàn diog 'sa Ghàidhlig,
fhreagradh an duine 'sa Bheurla. Bu Ghoill,
;miii an tonihas mor, a' chlann. Bha càraid
eile greis astair uapa sin. Bha 'n duine Gallda,
ach dh' ionnsuich e a' Ghàidhlig gu pongail.
Cha robh aon d' a theaghlach llonmhor nach
robh 'nan sgoileirean matha aims an da
chànain. Cha 'n 'eil sin a' tachairt cho
bitheanta, ach leigidh e ris gu 'n gabh e
deanamh. Cha 'n fhaod an ni so a bhi air a
chur sios mar nàmhaid, ged a thacas e ar sean
chainnt. Is cùis chigilteach i, a dh' fhàgar ri
reiteachadh leòsan a th' air an amaladh innte.
Cha 'n 'eil còir againn dol na 's fhaide na a
cur sios mar aon de na nithean a tha 'g
oibreachadh an aghaidh na Gàidhlig.
Is iad sin uile na h-eascairdean is sònruichte,
o 'n leth am muigh, agus o'n leth a stigh, a
tha 'g oibreachadh an aghaidh na Gàidhlig.
'S iad a thug na Gaidheil, an dùthaich agus
an cànain a dh' ionnsuidh an t-suidheachaidh
anns am bheil iad an diugh.
R' a leantainn.
Choisinn na beachdan a tha sgriobhte shuas,
a' cheud duais aig Mod 1904; agus chaidh am
foillseachadh an so aig an àm so air iarrtas Comuinn
Ghaidhealaich Ghrianaig.
AM F I A DH.
Le Domhnull Mac Eachari
" Ged bu toigh learn riamh iad,
'S ged f'haicinn air an t-sliabh iad,
Cha teid mi nis g' an iarraidh,
O'n chaill mi trian na h-analach."
'S axx mar so a sheinn Donnachadh Ban mu
na fèidh, 's e 'gabhail a chead deireannach
dhiu fèin, agus de na beanntan 's na gleanntan
a b' aithne dha ; beanntan is gleanntan d' an
d' thug e fèin mor spèis, agus a rinn e ainmeil
am measg a luchd-duthcha anns gach cèarn
de'n t-saoghal. Chaj'n ami 'san fhaoin bheachd
a bhi comasach air dad is fhiach a chur ris na
thug Donnachadh Ban dhuinn mu 'n dèighinn,
a tha mise sgriobhadh mu na feidh aig an am,
ach a mhàin g'am thoileachadh fein ann a bhi
meòrachadh air nithean a bhuineas do na
làithean a dh' fhalbh ; nithean, math a dh'
fhaoidht', air nach fhiach iomradh dheanamh,
ach a tha aig a' cheart am dluth-fhillte suas
leis na làithean 'san robh craobh ar beatha fo
ùr-bhlàth, agus a' gealltainn toradh trom a
thoirt a mach 'na h-aimsir. Ged nach d'
thainig an gealltanas sin gu buil cho tarbhach
's a bha dùil ris, 's ged a mhealladh sinn a
thaobh gealladh no dhà a bhàrr air sin, gidh-
eadh, tha e 'toirt toileachas-inntinn dhuinn a
bhi 'n dràst 's a rithist a' sealltainn 'nar deigh
agus a' gabhail beachd air mar a nochd an
saoghal e-fèin duinn aim an Ceitean ar beatha,
agus a' coimeas ri sin an t-atharrachadh dreach
a tha sinn a nis a' faotainn air, le grian ar
Geamhraidh a' cromadh 'san iar. Anns an
ais-shealladh so, tha mi mothachail air na
fèidh a bhi tagairt còir air ionad àraidh dhaibh
fèin. Air an aobhar sin, agus a chion cuspair
is freagarraiche aig an àm, faodaidh mi tiota
beag a chur seachad a' deanamh iomraidh
orra. Cha 'n fhaod mi ràdh le firinn mar a
thuirt Donnachadh Ban, " gu 'm bu toigh learn
riamh iad," oir 's cuimhne learn uairean air
nach robh sinn ro-mhòr aig a chèile; ach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence