Skip to main content

‹‹‹ prev (12)

(14) next ›››

(13)
an ©eo-^n^èjNe
Leabhar I.
An deicheamh mios /, 1905.
[Earrann 1
CONTENTS.
'ACE
Thog sinn an Deo-ghreine ri crann, i
Sinn fhein — Ourselves, 2
A' Ghaidhealtachd, - 3
An Comunn Gaidhealach — Its Inception and Development,- 4
Song with Music — Duanag an t-seòladair. .... 8
Some things women can do, 8
Na cunnartan a tha 'bagradh na Gàidhlig, - - - - 10
Am Fiadh, 12
The Petrie Collection of Irish Tunes, 14
Notes, Queries and Answers, Hook Notices, etc., - - - 16
THOG SINN AN DEO=GHREINE
RI CRANN.
Is iomadh uair, tha sinn a' creidsinn, a chaidh
na facail sin aithris an talla an trèith is
am both a' cheatharnaich, nuair a bhiodh an
t-aos-dàna a' leigeil uaidh nan dàn sin a tha
toirt iomraidh air àgh is mi-àgh na Fèinne
anns na linntean o chian, nuair, ma 's fior, a
bha na Gaidheil 'nan sluagh cumhachdach, fo
mheas aca fèin agus allail am beachd nan
cinneach mu 'n cuairt. Ach is beag a bha an
triath is an ceatharnach is an t-aos-dàna ud
an dùil gu 'n togteadh a rithis an Deo-ghreine
ri crann anns an naodhamh ceud deug is a
coig. Ach 's ann mar sin a thà. Tha an
triath air ar trèigsinn ; tha an ceatharnach
mi-mhisneachail ; tha an t-aos-dàna, ach gann,
balbh ; ach co aige tha fios, nuair a sgaoilear
a rithis 'sa ghaoith a' bhratach gheal — stròicte
's mar a tha i — nach tig farum am measg nan
cnàmhan tioram, agus nach seas an triath is
an ceatharnach is an t-aos-dana, taobh ri
taobh, an taice a croinn, a chum a chumail
rèidh direach agus a ghiùlan gu buaidh. Co
aige tha fios? Mur eil fins againn an tràth so,
bithidh fios againn gun dàil.
Cò thusa tha 'san eisdeachd, agus boinne-
fola Ghaidhealach 'nad cridhe, is urrainn
seasamh gu diomhain anns an latha so, le do
shuil air an làr, do làmhan 'nad phòca, do
chasan 'sa pholl, am feadh a tha dilsean do
chinnidh a' streap ris an t-slighe chais a tha
treòrachadh gu aigne meanmnach agus
buaidhean foghainteach a dh' aiseag do 'n
t-sluagh d' am buin thu ? Ma 's fèarr leat gun
a bhi triall gualainn ri gualainn 'nan cuideachd
air an rathad so tha garbh, is gun do làmh a
chur leò anns an obair chruaidh ionmholta so
a tha fo iùl aca, is ùmaidh gun toirt thu agus
ion air bhi 'nad bhall magaidh aig caraid is
aig eas-caraid do chinnidh. Ma 's fèarr leat
sud : Truis ; am mach ort ; tha sinn rèidh is
thu !
Ach ma 's Gaidheal a th' annad a tha
mothachail air mi-aghartachd do chinnidh
agus gur lèir dhuit gur sruth tha tràghadh
iad, gur barrach tha seargadh iad, gur crodh
tha dol an diosgadh iad, gur treabhachas tha
dol fàs iad, agus gur maith leat an sruth sin a
bhi lionadh, am barrach sin a bhi ùrar, an
crodh sin a bhi toirt bainne, is an treabhachas
sin a bhi fo bhàrr, teann ruinne. Triall far am
faic thu an Deo-ghrèine air a togail ri crann.
Ar leinn gu n cluinn sinn Ao-dòchasach a'
cànran gu 'm bheil e tuilleadh 's anmoch air
son ar bratach a thogail; gu 'm bheil a' ghrian
a' cromadh air slèibhtean nan Gaidheal ; is
gu 'm bheil an Deo-ghrèine a th' ann 'na
crith-sholus fann, a tha sioladh troimh neul-
bhrat a tha 'ga còmhdach 's a' bagairt a falach
gu tur. Tha còrr is ceud bliadhna o na thòisich
an cànran sin ; is tha triall na grèine air
slèibhtean nan Gaidheal fòs ; is mur eil an
Deo-ghrèine, a thaobh nan neul duaichnidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence