Skip to main content

‹‹‹ prev (422)

(424) next ›››

(423)
ALASDAIIl MAC-IONMHUIN.
343
B' aobhar cl'ù an trèun-fhear Albannacb,
ft. fhuair a clmis ud earbsa lis,
Nach cùbairean a thearbadh leis,
Tlioiit gniomh nan arm ga ciich.
Dh'iarr e moch di-ciadain,
'S a' chiad diagachadh de 'n Mhàiit,
Gach comisari rianichadh,
Ar biadh a mach oirn tra ;
Rum ' bhi air ar cliathaichean,
Gu h-ullamh mar a dh' iarramaid,
Nach faodadh iad air chiad-lungaidli,
Dol sios leis ann sa bhlàr.
'S ann air dir-daoin a dh'fhiig sinn,
Air sàr chablach fad air chùl,
Na 'm faigheadhmaid rian snamha dhaibh,
Bu làidir iad na 'r cùis ;
Lean Mac-a-Ghobha* cairdeil ruinn,
'S gu 'm b' fhoghainteach a bhàtaichean,
A dh' aindeoin gleadhraich nàmhaid,
Clium e smàladh air an sùil.
Bha ar 'n àrd cheann-feadhna toirteil,
Ann san am ga 'r propadh suas,
Bho dhream gu dream ga 'm brosnachadh,
Cha b' ann le moit na ghruaidh ;
Ghlacadh cuibhle 'n fhortain,
Ann san laimh nach tionndadh toisgeal i,
'S a dhiiisgeadh sunnt gu cosnadh dhuinn,
Mar Fhionn a mosgladh shluaidh.
Thàirneadh na laoich shomalta
Na 'n comhlann throma, bhorb,
Bu tàrslacb, làmhan, comasach,
An sradag fhonnidh falbh ;
A g' iarraidh àite an cromadh iad,
Na 'n tugadh nàmhaid coinneamh dhaibh,
Gu 'm fag-te 'n àrach tonn-fhuileach,
Le stàilinn thollach bholg.
Bho nach tionndadh nàimh gu casgairt,
Bu dlù lasair air an deigh,
'N uair chunnacas gnùis nam Breatunnach,
B'fhearr casan dhaibh na strèup;
Thug iad an cùl gu tapaidh ruinn,
A shiubhal gu did astarach,
A sior dhion an cùl le marcaichean,
Chum lasachadh na 'm ceum.
Bha gillean lùghar, sgairteil ann,
Nach d' aom le gealtacbd riamh.
Mar dh' fhaodadh iad ga 'n leantain,
Philleadh caogad each le 'n gniomh ;
« Sir Sidney Smith.
Bu smaointean faoin d'a marcaichean,
Nach faighte daoine ghleachdadh iad,
'S na laoich nach faoite chaisleachadh,
Ga 'n caol ruith mach air sliabh.
Bu trie an còmhdach casgairt sinn.
Thug sud oirn stad na dhà,
Bhi gun e'jlas ann san astar sin,
'N dull mhòr ri gaisge chàich ;
Dh' fheuch lialph gach doigh a chleachda leis,
'S an dian-te sròil a thaisbeanadh,
'S a dh' aindeoin seòltachd dh' fhairtlich oirn,
An toirt gu casgairt làmh.
Bha sinn làidir, guineideach,
Dana, urranta 'san stri,
Bha iadsan ràideil, cuireideach,
I>!in thuineachadh 's an tir ;
Ghabh iad àird na monaidhean,
Gu 'n dh' fhuair iad àite cothromach,
'S an dianadh làmhach dolaidh dhuinn,
Gu 'n toileachadh r'a linn.
Thairneadh gàradh droma leinn,
De dh' armuinn fhonnidli threin,
Bho shall' gu sail' a coinneachadh
'N tra chromaidh air a ghrein ;
Bu daiiigean, làidir, comasach,
A phàirc ga m' fhàl na bonaidean,
Cha bu chadal seimh ga 'n comunn,
'S each ma 'r coinneamh air a bheinn.
Stad sinn re na h-oidhche sin,
Gu leir an cuim nan arm,
Bha leannan fein, gu maighdeannail,
Fo sgeith gach saighdear, bàlbh ;
Na 'n tigeadh feum na faoineachd on',
'S gu tugte aobhar bruidhne dhi,
Bu neamhaiha speic phuiseanta,
Bho 'n bheul bu chinnteach sealg.
Dh' earbadh dion an 'n anmanan,
Ri Albannaich mo ruin
Fir nach tairnnte cearbaich orra,
'N am tharruinn arm gu dlù ;
Rinn iad a chaithris armailteach,
Gu h-ullamh, ealamh, ealachuinneach,
'S na 'n deanadh nàmhaid tairgneacliadh,
Bha bus allabharach na 'n gniiis,
Sinn ullamh air ar connspagan,
Gu dol san tòir gu dion,
An treas madainu diag a shònraich iad,
Le 'r ceannard mòr gu 'n fhianih;
An da reiseamaid a b' òige againn,
Na Greamaich agus Gòrdonaich,
A ruith gu dian an còmhdhail,
Na bha dortadh leis an t-sliabh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence