Skip to main content

‹‹‹ prev (137)

(139) next ›››

(138)
60
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
Bu tu'n t-iubhair as a choille,
Bu tun darach daiiighean laidir,
Bu tu'n cuileann bu tun dreaghunn,
Bu tun t-abliall molach blath-mhor,
Cha robh nieur annad do' chritheanu,
Cha lobli do dhlighe ri fearna,
Cha robh do chairdeas ri leamhan,
Bu tu leannan nam ban àluinu.
Bu tu ceile na mnà priseil,
'S oil leam fhin ga dith an drasd thu,
Ge d' nacli ionnaii dhomhsa is dbi-se
'S goirt a tha mi-thin ma càradh,
H-uile bean a bhios gun cheile,
Guidheadli i Mac Dhe na àite,
O 's e 's urrainn bhi ga comhnadh,
Anna gach leon a chuireas càs oirr'.
Guidheam do mhac bhi na t-àite,
'An saibhreas an aiteas 's an ciiram,
Alasdair a Gleanna-Garadh,
Thug tiui 'n diugh gal air mo shuilean.
THA MI AM CHADAL &c.
DO DH- FHEACHD RIGH SEUMAS.
GuR diombach mi 'n iomairt,
Chuir gach fin' air fògradh ;
Tha mi am chadal 's na dùisgibh mi
Gun aighear gun eibhneas,
t The above four lines are lost.
'S gu'n reiteach o Dheòrsa ;
Tha mi am chadal 's na duisgibh mi.
Gur h-ioma bean uasal,
Tha gu h-uaigneach na seomar,
Gun aighear gun eibhneas,
'S i 'g eiridh na h-onar,
Sior chaoidh na 'n uaislean,
A fhuair iad ri phòsadh ;
Tha mi am chadal 's na duisgibh mi.
Mo thruaighe a chlann,
Nach robh gann na 'n curaisde ,-
Tha mi am chadal 's na duisgibh mi,
'N am bualadh na 'n lann.
An am na 'm buileanan ;
Tha mi am chadal 's na duisgibh mi.
Ge d' tha sibh 'sa'n am,
Feadh ghleann a's mliunainean,
Gu nochd sibh 'ur ceann
'N am teanndachd mar churaidhnean,
'Nuair thig Seumas a nail,
'Si bhur lann bhios fuileachdach.
Tha mi am chadal 's na duisgibh mi.
'S 6 righ na muice,
'S na Cuigse, righ Deòrsa ;
Tha ml am chadal 's na duisgibh mi,
Mu 'n tig oirnn an t-samhainn,
Bidh amhach 's na còrdaibh ;
Tha mi am chadal 's na duisgibh mi;
Na 'n eireadh sibh suas,
Le cruadal a's duineal.ichd,
Eadar islean a's uaislean,
Thuath agus chumanta,
'S gu'n sgiùrsadh sibh uaibh e,
Righ fuadain nach buineadh dhuinn ;
Dheunainn an caual gu sunndach luibb.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence