Skip to main content

‹‹‹ prev (114)

(116) next ›››

(115)
IAIN LOM.
37
Eadar drochaid AUt Eire,
'S Rugha Shleibhte nan tonn ;
A dheanadh lent eiridh
Mu 'm biodh do chreuchdan Ian tholl ;
'S a rachadli bras ann a t-eirig,
Dheagh Shir Sheumais nan long.
Chuir Dia oirnn craobh sliio-chaint,
Bha da 'r dionadh gu leoir ;
Da 'rn bu choir dliuinn bhi striochdadh,
Fhad 'sa 'n cian bhiodhmaid beò ;
Mas sinn f'hein a chuir dith oirr',
B' olc an dioladh sin oirnn ;
Tuitidh tuagh as na flaitheas,
Leis an sgathar iia uieòir.
'N glan fhiuran so bh' againn,
'N taobh so fhlaitheas Mhic Dhe ;
Thainig sgiursadh a bhàis air,
Chaill sinn thoirt le srachd geur ;
'N t-aon fhiuran a b' àillidh,
Bh' aim 's phairce 'n robh speis ;
Mur gu 'm buaineadh sibh àileau,
Leis an fhàladair geur.
Tha lionn-dubh air mo bhualadh,
'N taobh tuathal mo chleibh ;
'S mu mhaireas e buan ann,
B' fhearr leam uaui e mur cheud :
Gar an teid mi g'a innseadh,
I'ha mi cinnteach a' m' sgeul ;
Luchd dheanadh na sithne,
Bhi feadh na tire gun deigh.
A BHEAN LEASAICH
Ay STOP DHUIN.*
A bhean leasaich an stop dhuiun,
'S lion an cupa le solas,
Mas a branndai no beoir i, tha mi toileach a h-òl
'N deochs' air Captain Chlann-Domhnuill,
'S air Sir Alasdair òg thig oa chaol.
'M fear nach dùirig a h-òl
Gun tuit 'n t-shuil air a bhord as,
Tha mo dhùrachd do'n òigear,
Crann curaidh Chlann-Domhnuill,
High nan dul bhi gad chònadh fhir chaoimli.
Greas mu 'n cuairt feagh 'n taigh i,
Chum gun gluaisinn le aighear,
Le sliochd uaibhreach an athar,
A choisin buaigh leis a chlaidheimh,
Fior ga ruagadh 's ga 'n caitheamh gu daor.
* This song was coinpnsed on account of the laird of
Glengarry refusing his aid in apprehending the Keppoch
murderers ; and in order to provoke the chief, the poet
began by singing the praises of Sir Alexander M'Donald
of Slate, and Sir James his son.
Sliochd a ghabhail nan steud thu,
Dh* fhas gu flathasach feile.
Do shiochd gasda Chuiiin cheutaich,
'S a bha taghaich an Eirinn,
Ged a fhuair an claidhe 's an tùug oirbh sgriob.
Bhiodh an t-iubhar ga lubadh,
Aig do fhleasgaichean ùra,
Dol a shiubhal nan stùc-bheann,
Ann 'san uighe gun churam,
Leis a bhuidheann ro 'u ruisgte na gill.
'S tha mo dhuil ann 's an Trianaid,
Ged thainig laigsiim air t-fhion fhuil,
Slat den chuilleau bha ciatach,
Dh' fhas gu furaiich fialaidh,
Sheasadh duineil air bial-thaobh anrigb.
'S an am dhut gluasad o ' t-aitreamh,
Le d' cheòl cluais' agus caismeachd,
O thir-uasal nan glas-charn,
Ga'n robh cruadal 's gaisge,
Gam bu shuaineas barr gaganach fraoich.
'Nuarathairte fo luchd i,
Bhi tarruinn suas air a cupaill,
Bord a fuaraidh 's ruidh chuip air,
Siiaim air fuathail a tìiuch bhuird,
'Sruth mu guailibh 's i suchta le gaolth.
'S'nuar a chairte fo seòl i,
Le crainn ghasda 's le corcaich,
Ag iomart chleasan 's ga seoladh,
Aig a comhlan bu blioiche.
Seal m'an togt' oirre ro-sheol o thir.
Gu Dun-Tuilm nam fear fallain.
Far an greadhnach luchd ealaidh,
Gabhail failte le caithream,
As na clàrsaichean glana,
Do mhnaoi òig nan teud banala binn.
Sliochd nan cuiridhean talmhaidh,
Leis an do chuireadh cath garabhach,
Fhuair mi urrad gar seannachas.
Gun robh an turas ud ainmeil.
Gun ro taigh 's leath Alba fo'r cis.
'S ioma neach a fhuair coir uaibh,
Ann sann am ud le'r gòraich.
Ban diu Rothaich 's Ròsaich,
Mac-Choinnich 's Diiic Gordon,
Mac-'IUeain o Dreolain 's Mac-Aoidh.
Be do shuaicheantas taitneach,
Long, 's leoghan, 's bradan.
Air chuan liobhara an aigeil,
A chraobh fhigeis gun ghaiseadh,
A chuireadh fion dl le pailteas,
Lamh dhearg ro na ghaisgeach nan tim.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence