Skip to main content

‹‹‹ prev (541)

(543) next ›››

(542)
OBAIN.
Cha b' ioghnadh crìdh' do mhàthar
Bhi sgàineadh le geur-chràdh,
'S gu tric ga lot às ùr e>
'S i tùrsach 'dh 'oidhch' 's a là;
'S a h-anam 'g ràdh le dùrachd,
Co, 'rùin, bha dlùth mu d' bhàs?
Co 'n làmh a thog a' chùrtein,
'S a dhùin an t-S'ìiil bha Ijlàth ?
Mo chreach, 's nacli t'hàir sinn tuillidh thu,
Gus 'n cruinnicliear am Bràth,
Gus 'n tèid an tromb a shcideadh,
Le aingeal treun gu h-àrd ;
'fS 'n uair thèid na mairbh a dhùsgadh,
'S e m' ìirnuigh ris an Triath,
Gu 'm bi sinn uil' do 'n cliòisridh,
A sheinneas glòir do Dhia.
ORAN AN AMADAIN BHOIDHEICH. /-^
Tha cuid ag ràdh gnr e Dòmhnull Donn Mac fear Bhoshuntain,
a rinn an t-òran .so. Tha cuid, mar an ceudna, ag ràdh gu 'n
d'rinneadh e le mac tuathanaicli, do mhaighdean àhiinn a bha 'n a
banaraich aig athair. A rèir coltais bha .spèis mhòr aige do 'n
nighein, agus 'n uair mhotliaich a mhàthair dha so, cha robh i
idir toilichte. Air feasgar àraidh chunnaic an t-seana-bhean
gu 'n deach a' bhanaiach g'a failceadh ; agus air d' a mac tigbiun
dachaidh dh' innis i dha gu 'm fac i tunnag àluinn air an amhuinn.
Gun tuillidh a ràdh, ghlac an gille a ghunna, 's thàr e às. 'iha
'n t-òran ag inns' mar thachair. Tba ainm an òrain a' cur an
cèill gu 'n deacli e as a riagbailt 'n uair cbunnaic e gu 'n mhàrbh
e'leannan.
A M_ha irear a d òg, 's tu rinn mo leòn,
Gur cailin bhòidheach lurach thu.
(ìur guirm' do shùil na maduinn driùchd
An dearc air chiM nan duilleagan.
Gur guirni' do shùil na maduinn driùchd
An dearc air chùl nan duilleagan ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence