Skip to main content

‹‹‹ prev (534)

(536) next ›››

(535)
GHAIDHEALAOH.
Freagraidh mise le spraichd e,
"C'iod è sin an fharraid 'tha ort?
Thoir a nall fear a leasachadh cleibhe, —
Cha'n fhaigh thu mo sgeul uam gun deoch.
'Sunndach a thèid mi do 'n leabaidh,
'S a gheibh mi mo chadal le suain ;
Moch-thrà 'n am èiridh 's a' mhaduinn
Cha'n fhaic iad mo mhala fo ghruaim.
MARBHRANN FORSAIR CHOIRE-AN-T-SITH.
An raoir a bhruadair mi 'm chadal,
Mi bhi 'm folach 's an luachair,
'S a blii cur mo làmh tharad,
'S ann a dh'fhairioh mi bhuam thu,
'S a bhi cur, etc.
Gu'n d'thug sur orm briusgadh;
'S mor is misde mo shnuadh e !
Gu'n d'thug, etc.
'N uair nach d'fhuaras thu agam
A lùb ghasda 'n robh suairceas.
'N uair nach, etc.
B' òg, finealta, deas thu —
Bian glas air do ghualainn.
B' og, finealta, etc.
'S tric u chuir thu gu stòras,
Is e còta 'n daimh ghruamaich,
'S tric a chuir, etc.
Le gunna bheòil thana,
Chuireadh sgainneart o luaidhe ;
Le gunna, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence