Skip to main content

‹‹‹ prev (532)

(534) next ›››

(533)
GHAIDHEALACH.
An coimeas riamh cha robh 's a' Ghrèig ;
lad bòidheach leis gach àgh nach trèig ;
Le nàdur glan mar ghnè na lèig
'S nach fhaicear beud no faileasachd.
Tha Ile bhochd gach là ri bròn,
'S i cuimhneachadh air àm a leòin
'S an d'fhàg sibh i, 's nach ann d'a deòiu
Chaidh sibli air fògar fada uaith'.
Ged tha i roinnte aig fir ùr,
'S leibhse a crìdh", a h-ainni, 's a cliù ;
'S tha ioma nàistneach innt' is fiù
A ghleidheas dlù 'nan aigne sibh.
'UIREADH 'S A' TEARXADH NAM BEALAICHEAN.
Leis an Lighiche Mac Lachainn nach maireann.
AiR FoNN : — "Flì/, let us all to the bridal."
'Direadh 's a tèarnadh nam bealaichean,
Hòro 's aigeannach mi, —
Ged rachadh an saoghal gu gearan
Cha leig mise snial air mo chrìdh'.
Ag imeachd gun solus, gun soiUse,
Fo dhubhar nan coilltean leam fèin,
Cha 'n fhaic mi le doirche na h-oidhche
Ach dealan a' sitheadh troimh 'n speur.
Cluinnidh mi 'n fhairge ri borbhan,
'Co-fhreagairt ri torman nan dos,
Cluinnidh mi braoilich nan aimhnean,
'Co-fhreagairt ri raoicich nan eas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence