Skip to main content

‹‹‹ prev (515)

(517) next ›››

(516)
OBAIN.
'N uair thogt' a' bhratach suas ri crann,
Gur h-ioma sonn a dh' èireadh.
Na fir mhòr a thig o'n Dreòlainn,
'S larl' Antruim à Eirinn.
Gur math thig spuir a's bòtainn hr.
Mu'n troigh is lùghor ceuman,
Gur cruidhach, iallach, steud 'n a fhiamh,
Nach tàrr'neadh srian aig fèighich.
Gur tric do luirg 's an liath-dhealt iiilia<hiinn
Feadh nan glac 's na slèibhtean
'S bhiodh fuil air cròic-dhamh caì)aiach
Mu 'm faicte gathan grèine.
Gur lionmhor uasal a dh'inbh' àrd
A thig do 'n tàir a'd' èisdeachd,
Bidh oighre Pheigh'n-a'-ghàidheil ann,
'S gur h-àiUeachd am measg cheud e.
'S an talla mhòr 's am bi sibh cruinn
Gur binn leam srann nan t«ud ann,
A'r pìob le pong, a thogadh fonn,
Ged bhiodhmid trom fo èislein.
NA'M FATGHTNN GTLLE R' A CHEANNACH.
Le Aileix Dughalach.
Na 'm faighinn gille r' a cheannach,
A bheireadh J>eannachd gu Màiri,
'S mo shoraidh le caoimhneas
A dh'fhios na maighdinn a chràidh mi ;
Ged nach tug mi dhuit faidhrean
Ann am foill dhuit cha d' fhàs mi :
'S mar am math leam thu fallain.
Nar a meaT mi mo shlàinte !
,M

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence