Skip to main content

‹‹‹ prev (457)

(459) next ›››

(458)
43S OBAIN.
Gu grùniid cha tèid e gun fhios do 'n Eucaig ;
'S ma ni i rèite gur fheàirrd a chìiis;
'S niur tagh i fèin mi, gur leis an Eug mi,
Le shaighdibh geura tigh 'n orm às ùr.
A shaighdean geur' annam taobh ri chèile,
A dh' fhàg mi reubta 's a rinn mo leòn
Gur tùii'sach m' èi&lein gach latha 'g èiridh ;
Gur tric mo lèine co fliuch ri lòn,
Mar ghaoith bho thuath a thig bhàrr nan cuaintean,
A dh'fhalbhas bh'uainne mar chi sibh ceò,
'S e samhladh fhuair mi de ghaol na gruagaich,
A rinn mo bhuaireadh air iomad seòl.
Gu tràigh cha tèid i ; 's gur beag mo spèis di,
Mur faigh mi 'n Eucag a 's gile dreach,
Uo shliosan glè-gheal mar shneachd air gheugaibh ;
'S gur tìiirsach m' èiridh gun laidhe leat.
Tha m' inntinn cianail, gach lath' 'g a riabadh,
'S mi 'n tòir air d' iarraidh le cogais cheart.
Do nàdur còmhnard a chlaoidh as m' òig mi ;
'S cha b' e do stòras a bh' ann am bheachd.
Stòr no feudail ged 's mòr an spèis diu,
An diugh cha lèir leam a bhi 'g an dìth ;
A's stoc no àirneis cha 'n iad a b' fheàrr leam ;
'S cha bhraid na meirl' air am bheil mi 'n tì,
Cha chrodh air bhuailtibh 's cha ghreigh air fuaran
A chuir am buaireas so ann am chrìdh' ;
Ach eala bhuaidheach 's i snàmh nan cuaintean,
'S mo lion mu 'n cuairt di g' a tbirt gu tìr.
'S ma 's tusa an eala tha air a' chuan sin,
Gur mise 'n t-uan a tha air an tràigh,
'S na meangain bhuaidheach a' fàs mu 'n cuairt domh,
Mur tuit mi m' buair' air do shon, a ghràidh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence