Skip to main content

‹‹‹ prev (411)

(413) next ›››

(412)
OBAIN.
Do bhilean iiiar na lòsan,
Cneas bòidheach niar an canach leam ;
'S gur òg chaidh mise 'bhuaireadh,
Le rugha gruaidh mo chailein-sa.
Do dhà shùil ghorm tha bòidheach,
'S tu'n òg-bhean donn bu chuideachd leam,
'S 'on thug mi fèin mo spèis dhuit,
C'ar son a thrèig thu buileach mi ?
Ged rinn thu mise fhàgail,
'Sa thug thu gràdh do 'n fhleasgach ud,
Dh' fhaoid' mu'n tig Feill-Pàruig,
Gu 'n tig am bàs g'a leasachadh.
'S gu 'n glais e teann fo'n fhòid mi
'S nach faic mi pòsd' aig balach thu,
'S bith 'n cridhe rinn thu 'sgàineadh,
Na laidhe mhàin 's cha charaich e.
Na laidhe anns an smuirean
'S cha chluinn e dè thèid aithris air,
Ach dh' fhaoid' gu 'n tig thu uair-eigin
A chum na h-uaigh 's an cadail mi,
'S gu 'n can thu, " Och mo thruaighe
Bha 'm fear so uair 's bu toil leis mi ;"
Bidh mi gu bràth gun chòir ort,
'S e gainne m' òir is coireach dha.
Cha tarruing mi i-i sùgradh
'Tha mi gun liith 's gun fliaireachdinn
'S e 'n gaol a rinn mo leònadh,
'S a chaoidh ri m' bheò cha charaich mi.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence