Skip to main content

‹‹‹ prev (400)

(402) next ›››

(401)
GHAIDHEALACH.
Clia bu ghreusaich' bhròg
Rinn mo leòn cho buileach
Ach òganach deas ùr
Chuireadh sniùid à gunna.
Cadal cha'n fhaigh mì,
Ciamar 'gheabhainn cadal ;
Ghoid thu bhuam mo chiall,
'Ghìomanaich a' ghunna.
M O R U N A I R A N I (i H. ^
Le IaIN MAC'-A'-CHLEnMCH.
FoNN : — " II o ro, cha hhi nii ga d' chaoìdh nis r/io."
Skisd. — Mo rìin air an òigh tha chòmhnuidh 'n CiUiain,
Bho'n fhuair mi urt eòlas 's tu ùg-bhean ga m' mhiaun,
Mur fhaigh mi nis còir ort le pòsadh, a chiall,
Bithidh mise na ni' fhògarach brònach a' triall.
Their cuid rium gu spòrsail gur gòrach mo smaoiii,
A's geill thoirt do dh' òg-bhean gur dòigh e ro fhaoin ;
Nam meallainn-se sòlas mar 's còir do gàch aon,
Mi sheachnadli na h-òigh ud a còmhradh 's a gaol.
Ach co bheir air grian gun dol siai- anns an là,
No 'r fairge nan liath-shruth gun iarraidh gu tràigh.
Ri bruthach co stiùras abhainn Dù' lais gu bràth ;
A's co e le dùrachd a mhùchas an gràdh !
Ach 0, 'san tha 'n gaol do gach aon tha fo nèamh
Mar shnothach do 'n chraoibhe 's e sgaoileadh gu sèamh :
Ma bhacas tu 'dhireadh no spionas tu 'fhreumh ;
Cha 'n fhàg thu da rìreadh ach crìonach gu'n sgèimh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence