Skip to main content

‹‹‹ prev (180)

(182) next ›››

(181)
6HAIDHEALACB. 161
O R A N.
DO AILEAN CAMARON. '^
Ionak-Sgathadail, le Seumas Shaw.
So deoch-slàinte Ghaidheil ghasta
Choisinn cliù air thìis nan gallan,
Làmh a ni na crùin a sgapadh,
'S nach bi airsneulach ga 'n dìol.
Dii' innsiini air thoiseacli an òrain
Fineadh an fhiùrain gun fhòtus, —
Camaronaich o bhun na Mòr-thir
'S o Lochaidh an òlteadh fìon.
So deoch, etc.
'S ioma meangan a tha lùbadh,
'S a' dlreadh mu ghuailinibh an fhiùi'ain,
Bidh na Camaronaich air thùs ann,
A's Dòmhnullaich nach diùltadh strlth.
So deoch, etc.
'S beag an t-ioghnadh sud a thachairt,
Ged nach tionndadh tu le gealltachd,
'S fuil nan Stiùbhardach o'n Apuinn
'Bualadh bras 'cur reachd mu d' chrìdh'.
So deoch, etc.
Do na h-uaislean tha thu càirdeach ;
Cha'n ann bho 'n iomall a dh'fhàs thu ;
Eadar Aird-ghobhar a's Cinn-gheàrr-Ioch
Far an àird' am fàs a' choiU.
So deoch, etc.
'S beag an t-ioghnadh i bhi èibhinn,
Ge b' è tè a gheobh dhi fhèin thu —
Cridhe fialaidh'n còm na cèille
Nach cuir èislein oirr' a chaoidh.
So deoch, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence