Skip to main content

‹‹‹ prev (126)

(128) next ›››

(127)
GHAIDHEALACH. 107
'S chithteadh na'n dèigh, cuirp air droch ghrèi'dh,
'N a'n cupail air feur gairisneach.
'S an cunnart cha tèid maiU' air an ceum —
'S gaisgich fo bhr<*id Albainn iad.
'S, mòr d' onair 's do chliù an Lunainn 's a' chùirt ;
Tuig-s' ann an cùil icha'n fhalaicheadh tu ;
Dana, misneachail, ciùin, 's tu a thag-radh gach cùis,
'S a sheasadh air taobh nan Albannach.
Bha thu gu d' chinne mar chrìin, ad chul-taic' 's ad cheann-
iuil
'S iomadh meangan deas, ùr a cliampadh leat ;
Agus gille glan, òg, theid gu h-iomart le deòin,
'N uair thogteadh do chròc ri geala-bhrataich.
'S tu chum an tìr gun bhi glact', iomadh bhadhna le d' neart ;
Luchd nan casagan daitht' cha deargadh ort.
Fudar 's luaidh' gun airc, gunna gleusda 's lann ghlas,
Os cionn fèileadh nam pleat neo-ainmigeach.
Sàr cheann thu air feachd, 'chuir do naimhdean fo smachd ;
'S do ghaisge 's do neart gu'n dhearbhadh leat ! —
Thoir mo shoraidh-sa null thar Chonain nan steall,
Gu Brathainn nam pios airgiodach.
AN TE SIN AIR A BHEIL MI'N GEALL,
An tè sin air a bheil mi 'n geall.
Gruaidh mar chaorann dearg air chrann
Cruinneag bhòidheach a' chùil duinn,
'S gil' thu na sneachda nam beann.
Di-luain a ghluais sinn às an tìr,
Leis a' cheilp 's bu mhòr a phrìs ;
Ach mur leig sibh dhachaidh mi,
Bidh an tuath gun nì no geall.
An tè sin, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence