Skip to main content

‹‹‹ prev (115)

(117) next ›››

(116)
OBAIN
Latha dhomh 's mi falbh nam fuarbheann,
Thachair a' ghruagach bhòidheach orm.
Mo roghainn, etc.
Thug mi i gu cnochdain grianach*
'S dh' iarr mi 'n iasad pòig oirre.
Mo roghainn, etc.
Chrom i ceann 's gu 'n d' ghabh i àrdan,
Tàmailte gu leòir oirre.
Mo roghainn, etc.
Labhair i 's i gabhail rium mi-thlachd,
" 'N ann a chur sios li m' bheò orni?
Mo roghainn, etc
" Ged thigeadh fear-fearainn, cha trèiginn mo leannan.
Na 'n tugadh e geallaidhean pòsaidh dliomh.
Mo roghainn, etc.
" Ged thigeadh a triìiir, cha ghabhainn h-aon diùbh,
'S do litir, a rìiin, am phòc' agam.
Mo roghainn, etc.
" Thug mise mo luaidh do dh' fhear a' chuil-ruaiilli,
'N uair chunna mi suas a' mhòintich e.
Mo roghainn. etc.
" Thug mìse mo ghràdh do dh-fhear a' chuil-l)hàin,
Bidh locar a's tàl, a's òrd aige.
Mo roghainn, etc.
" Ach ma 's fear thu tha air mo thì-sa,
Ruig an tìr an còir dhomh bhi.
Mo roghainn, etc.
" Faigh toil m' athar a's mo mhàthar,
Cead mo chàirdean, 's còrdaidh sinn."
Mo loghainn, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence