Skip to main content

‹‹‹ prev (93)

(95) next ›››

(94)
54 CUMHA DO MHAC LEOID
Ach a fhriamhaich nan curaidh
Is a chuilein nan leoghann
Is ogha an da sheanair 635
Bu chaithreamaich lòisdean,
Càite an robh e ri f haotainn
Air an taobh-s' an Roinn Eòrpa? —
Cha b'fhuras ri fhaighinn
Anns gach rathad bu dòigh dhuibh. 640
Ach a Ruairidh mhic Iain,
Is goirt learn fhaighinn an sgeul-s' ort;
Is e mo chreach-sa mac t'athar
Bhith 'na laighe gun eirigh;
Agus Tormod a mhac-san, 645
A thasgaidh mo cheille!
Gur e aobhar mo ghearain
Gun chailleadh le cheile iad.
Nach mor an sgeul-sgriobhaidh
Is nach iongnadh leibh fein e, 650
Duilleach na craoibhe
Nach do sgaoileadh a meanglain, ^-^.c^ •
An robh cUii agus onoir
Agus moladh air deagh bheairt
Gu daonnachdach carthannach 655
Beannachdach ceutach.
Ge goirt leam an naidheachd
Tha mi faighinn air Ruairidh,
Gun do chorp a bhith as dùthaich ^.,^-
Anns an tuama bu dual duit, 660 ^*"**"
Sgeul eile nach usa
CXAt^'^ ^^ Tha mi clàistinn 'san uair so,
Gar nach toir mi dha creideas,
Gur beag orm ri luaidh e.
659. 's Dùthaich, S.; 'san Dùthaich, SO. 663. gar, S.; ged, SO.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence