Skip to main content

‹‹‹ prev (65)

(67) next ›››

(66)
Marbhrann
do Iain Garbh Mac Ghille Chaluim Ratharsaidh
a chaidh a dhith le ainneart mara.
Mo bheud is mo chràdh 285
Mar a dh'eirich da
An fhear ghleusta ghràidh
Bha treun 'san spàirn
Is nach faicear gu bràth an Ratharsaidh.
Bu tù am fear curanta mor 290
Bu mhath cumadh is treoir
O t'uilinn gu d' dhòrn
O d' mhullach gu d' bhròig:
Mhic Mhuire mo leòn
Thu bhith an innis nan ròn is nach faighear thu. 295
Bu til sealgair a' gheoidh,
Làmh gun dearmad gun leòn
Air am bu shuarach an t-òr
Thoirt a bhuannachd a' cheoil,
Is gun d'fhuair thu na's leoir is na chaitheadh tu. 300
Bu tu sealgair an fhèidh
Leis an deargta na bein;
Bhiodh coin earbsach air eill
Aig an Albannach threun;
Càite am faca mi fein 305
Aon duine fo'n ghrein
A dhèanadh riut euchd flathasach?
295. Innis nan Rod, M. 306. Re shireadh fuidh ghrein/Aon ni air nach
gleusta ghabhadh tu, M.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence