Skip to main content

‹‹‹ prev (127)

(129) next ›››

(128)
<
1 5 . MAC-NA-BRACHA
'Nuair a rinn am Bàrd an t-òran roimh-sgrìobhta, thàrladh
gu'n robh Duanaire àraidh 'na nàbuidheachd, a bha 'n dùil
gu'n robh e-fein cho comasach air an uisge-bheatha a dhiteadh
'sa bha 'm Bàrd air a mholadh ; agus thòisich e air anns na
briathrean so : " Hò rò cha toigh leinn drama, leannan nam
fear aimhreith," etc. Rinn am Bàrd an t-òran a leanas ann an
èiric an òrain sin.
Metre : Sètrad mor (Seudna), 8 2 +7 x
Luinneag
'S toigh linn drama, lion a' ghlaine,
Cuir an t-searrag sin a nail ;
Mac-na-brach' an gille gasda,
Cha bu rapairean a chlann.
Ge b' e dhi-mol thu le theangaidh, 5
B'olc an aithne bha 'na cheann,
Mur tig thu fhathast 'na charaibh,
Gu'm beil mo bharail-sa meallt'.
Na'm b' e duine dha nach b' èol thu,
Dheanadh fòirneart ort le cainnt,
Cha bhitheamaid fèin 'ga leanmhuinn,
Chionn 's gu'm biodh do shealbh air gann.
90

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence