Skip to main content

‹‹‹ prev (71)

(73) next ›››

(72)
ORAN AIR GAOL NA H-OIGHE DO GHAILEAN
" O Chailein ! O Chailein ! " 65
Do sheinn cailin nan gaol,
" Cia fàth nach tigeadh tu tharais
Do ghleannan falaich nan craobh ?
Is nach iarrainn-s' air m'òrdugh,
De stòras, no mhaoin, 70
Ach bhi laighe na t' asgail,
Fo do bhreacan 'san fhraoch.
" Gu'm b' òg mis' agus Cailean,
Ann an gleannan na cuaich,
A's sinn a' tional nan dithean 75
Leinn fèin feadh nan cluan ;
A's sinn 'gar leagadh nar sineadh,
'N uair bu sgi leinn air bruaich ;
'S bhiodh na cruitearan sgiathach
Cur ar cionalais uainn. 80
" Gu'm bu neo-chiontach màran
Mo ghràidh anns a' choill ;
A's sinn a' mireadh nar n-aonar,
Gun smaointean air foill ;
Sinn gun mhulad, gun f hadachd, 85
O mhadainn gu h-oidhch',
Agus Cupid 'gar tàladh,
Gu toirt gràidh, 's sinn nar cloinn.
" 'S ged a thàinig an samhradh,
'S mi 'sa' ghleann so ri sprèidh, 90
Gur e 's trie learn am fàgail,
'S bithidh each as an dèidh ;
34

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence