Skip to main content

‹‹‹ prev (307)

(309) next ›››

(308)
:286 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
dearbh, agus duilich gu 'n deachaidh latha a' choin
ghlais seachad," fhreagair an sealgair. "Tog do
mhisneach, agus thoir leat an cù so," ars an dara
gruagach, "agus cha'n 'eil creutair ceithir-chasach air
aghaidh na talmhainn, o'n mhaighich bhig gus an làn-
damh cròiceach, air nach beir e, agus nach tabhair e
gu d' ionnsaidh." " C ainm a tha air?" dh' fheòr-
aich an sealgair. Fhreagair i gu 'n robh Brodum.
Rug e air an eill as a làimh, agus thug e buidheachas
dhi air-son a' choin. Dh' fhag e an sin beannachd
aice fèin agus aig a ban-chompanach, agus dh' fhalbh
e dhachaidh.
Cho luath is a dh eirich e an ath latha, thug e mach
leis gach duine a bha 'san tigh, agus air dha a aghaidh
a thionndadh ris an da shhabh, eadar am faca e na
gruagaichean, thubhairt e: " Am faic sibh an da shliabh
ud a tha m' ur coinneamh ? A so a mach cuimhnichibh
gur e a their sibh riu na Gruagaichean;" agus is e
sin a theirear riu gus an latha an diugh.
Lean an cij ris an duin'-uasal fhad is a bu bheò dha.
Cha deachaidh iall riamh air cù a b' fhearr. Cha robh
ni a rachadh iarraidh air nach deanadh e, no creutair
ris an rachadh e a leigeil nach beireadh e air. Agus
cha robh duine beò a leanadh e, no fhreagaireadh e,
ach a mhaighstir.
An uair a chaochail a mhaighstir, chaill e a mhis-
neach. Lean e an tiodhlacadh gu ruig eas a tha eadar
Callairt agus an ath bhaile; ach stad e an sin, agus
theirinn e do'n eas, far am facas e a' dol a stigh do
dh' uaimh, as nach do thill e tuilleadh. Tha a ainm
air a chumail air chuimhne ann an ainmean an da àite
sin ; oir is e a theirear riu fhathast Eas Bhroduim agus
Uaimh Bhroduim.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence