Skip to main content

‹‹‹ prev (297)

(299) next ›››

(298)
2/6 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
sgeadaichte an aodach uaine, agus a thug bàrr air na
chunnaic i riamh ann am maise. Chuir iad uile fàilte
oirre, agus thug aon aca stigh i do sheòmar na
Ban-righ.
Rinn a' Bhan-righ gairdeachas rithe, agus thubhairt
i gu'n robh earbsa aice innte, o'n la a ghabh i truas
dilh air an achadh bhuana. Dh' fhuirich bean an
tuathanaich greis 'san t-Sithean. Air la àraidh, an uair
a bha i leatha fèin, ghabh i an siabunn geal, agus
shuaith i e os ceann a sùla, agus an sin ghrad
dh'atharraicheadh gach ni m'a timchioll. Thionndadh
an t-aite brèagh 'na tholl ruadh gainmhich, agus na
daoine mora eireachdail a bha ann, 'nan seann
chreutairean beaga, duaichnidh. Cha do ghabh i oirre
ciod a rinn no chunnaic i, ach o sin bu latha gach
mionaid leatha gus an d' fhuair i as. Mu dheireadh
thàinig an gille an cabhaig, agus ghlaodh e rithe a bhi
deas falbh leis-san, a chionn gu'n d' thàinig an t-àm
anns am feumadh esan a ghealladh a choimhlionadh d'a
fear.
Cho luath is a chuala na sithichean so, chruinnich
iad mu'n cuairt oirre, agus thairg gach aon aca dhi
ni-eigin mar ghean-math. Ghabh i gach ni a fhuair i,
ach airgiod agus or, mar dh' iarradh oirre; agus chaidh
i mach. An sin dh' fhalbh i 'na suidhe air cùl a' ghille
air an steud ghlas. Ach ghabh an gille rathad iir a
thug iad troimh phreasan dhreas agus dhroighinn.
Cho luath is a ràinig iad a' cheud phreas, ghlaodh an
gille rithe aon de thiodhlacan nan sithichean a thilgeil
ann. Rinn i sin, agus ghrad-sprèadh e le fuaim cho
cruaidh ri urchair gunna, agus chuir e am preas 'na
lasair theine. An sin thilg i air falbh na bha aice, aon
an deidh aoin ; agus mar thachair do'n cheud aon,
thachair do'n chòrr. " A nis," ars an gille, " na'n do
glèidh thu na rudan ud gus an deachaidh thu dhachaidh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence