Skip to main content

‹‹‹ prev (233)

(235) next ›››

(234)
212 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
" Cha do bhrist; oir cha d' innis e dhomh aon ni gus
an do ghuidh is gu 'n do ghrios mise air an toiseach,"
fhreagair Saigean.
"A bheadagain mhi-mhodhail ! gheibh thusa do
thoillteanas, " ars ise, agus air ball ghlaodh i ris na
sithichean eile : " Spàrraibh a' phait air a' chroit, agus
bheir an aon sac dhachaidh iad."
"A' phait air a' chroit! a' phait air a' chroit!"
sgreuch na sithichean uile, agus ghramaich iad an
Saigean air a làmhan agus air a chasan, agus thilg iad
a SÌOS is a suas, a null is a nail e, gus an do chaill e a
aithne gu h-iomlan.
An uair a thàinig e g'a dh'ionnsaidh fein, b' ann
'san Doire Sheilich a bha e, a' phait a dha mheud is a
bha i roimhe, agus a chnamhan cho sgith, bri^ite is
gu 'm b' ann air eiginn a b' urrainn e carachadh.
Fhuair e air a chasan le moran stri, agus an sin shnàig
e dhachaidh ; ach gu latha a bhàis cha d' innis e do
dhuine ach do Chroitean, mar thachair dha 'san
t-Sithean Mhòir.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence