Skip to main content

‹‹‹ prev (227)

(229) next ›››

(228)
2o6 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
" C'àìte am bheil thu a' dol?" ars a' bhean shithe.
*' Tha mi a' dol a chur seachad an fheasgair anns an
Doire Sheilich," fhreagair Croitean.
" Nach 'eil companach idir agad leis an tèid thu a
chleasachd?" thubhairt i an sin. " Cha'n 'eil: cha
dean aon air bith cuideachd rium, o'n nach 'eil mi
coltach ri cloinn eile," thubhairt Croitean.
Mu dheireadh dh' fheòraich i dheth c' ainm a bha
air, agus dh' innis e dhi gu 'n robh Croitean.
"Croitean!" ghlaodh i. "Is fhada o'n bha fiughair
againn ri tachairt ort. Is mise Mire-gath-grèine, agus
is e m' aoibhneas a bhi a' deanamh an t-saoghail
aighearach. Tiugainn leamsa, tha fiughair aig mo
chuideachd riut, cuir seachad an oidhche cuide ruinne,
agus anns a' mhaduinn cha bhi èis no earras ort."
Dh' fhalbh e leatha gu togarrach gus an d'ràinig iad
cijl an t-Slthein Mhòir. " Diìin do shùilean, agus thoir
dhomhsa do làmh," ars a' bhean shithe ris. Rinn €
mar dh' iarr i air, agus ann an tiota bha iad anns an
aon fhàrdaich a b' àille a chunnaic e riamh. Shlaod i
suas troimh an chuideachd e, a' seinn gu h-eutrom:
Gu reidh gu leir!
Gath - grèine air tilleadh,
Croitean 's i fèin,
Le cheile air tighinn.
"Sonas is àgh air Mire-gath-greine," labhair maighdean
cheutach a b* àille air a sgeadachadh na each, agus air
an robh air a ceann crùn òir làn usgraichean.
" Ciod is àill leatha sinn a dheanamh ri Croitean
bochd? "
" Sonas 'thoirt da an àite cràidh,
Ealdaìn làn ratha, toil duine mhaith.
Is bidh Mire-gath-grèine gu h-aobhinn aighearach."
Agus air falbh dhanns i gun sìiil tuilleadh a thoirt air
Croitean.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence