Skip to main content

‹‹‹ prev (213)

(215) next ›››

(214)
NA SITHICHEAN AG CONNSACHADH.
Bha cuid a dhaoine o shean ag creidsinn gu'm bitheadh
na sithichean air uairibh ag cruinneachadh as gach
ceàrn de 'n dùthaich mu'n cuairt gu coinneamh a
ghlèidhadh an àite àraidh, mar bha an Cnoc anns a'
Mhorbhairne; agus gu'n gabhadh aon bhuidheann
diubh taobh niuinntir a' bhaile air an robh an Sithean
aca suidhichte an aghaidh buidhne o bhaile no àite air
bith eile.
Thàinig uair buidheann a Muile a ghlèidheadh
coinneimh ri buidheann eile as a' Mhoirbhairne; ach, air
an uair sin, thachair iad air a cheile làimh ri abhainn
Achachàirn, an àite an ionaid ghnàthaichte 's a' Chnoc.
Cha robh iad fada còmhla gus am faca iad duine, ris
an abradh Iain Og, a' tighinn an rathad. Cho luath
is a thug a' bhuidheann Mhuileach an aire dha,
ghlaodh iad: " Bheir sinn leinn Iain Og." Ach a
chionn gu'm b'ann o'n aon bhaile a bha e fein agus a'
bhuidheann Mhorbhairneach, fhreagair na Morbhairn-
eich : "Cha tabhair sibh leibh Iain Og." Ghlaodh na
Muilich a rithist an guth ard: " Bheir sinn leinn Iain
Og," ach ma ghlaodh, fhreagair na Morbhairneich an
guth cho ard r' an guth fein: " Cha toir sibh leibh Iain
Og." Chum an da bhuidheann mar so ag connsach-
adh r' a cheile iiine mhath, agus mar b' fhaide a lean
iad, b' ann bu dliiithe iad air a cheile, agus a b' àirde
is a bu chroisde a bha an guth a' dol.
Cha robh na Morbhairneich cho lionmhor r' an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence