Skip to main content

‹‹‹ prev (211)

(213) next ›››

(212)
SITHICHEAN CHREAG - THULAICH.
Bha duine o thaobh Loch Obha latha a' siubhal monadh
a' Bhaile mhòir, baile a bha goirid as o'n àite 'san
robh e ag gabhail còmhnuidh. Bha an latha grianach,
bòidheach ; agus an uair a rainig e Creag - thulaich,
shuidh e sios air a mullach, a ghabhail seallaidh air an
dùthaich m'a thimchioll. Cha robh e fada an sin, gus
an d' thainig da shithiche g'a ionnsaidh, agus corruich
mhor orra, a chionn gu'n robh e 'na shuidhe far an
d'fhuair iad e. Bha fear dhiubh air-son a thilgeil thar
na creige gun dàil ; ach bha am fear eile air-son a leigeil
as an uair sin. Chonnsaich iad mu'n chilis so car
tacain, ach b' e deireadh na chiiche, gu 'n do leig iad
as e, air chumhnant nach suidheadh e 'san àite 'san d'
fhuaradh e tuilleadh.
Uair-eigin 'na dheidh sin, thuit do 'n duine a bhi
rathad na creige rithist, agus a dhearbhadh co dhiiibh
bha e 'na chadal no 'na fhaireachadh, an uair a bha leis
gu 'm faca e an da shithiche, shuidh e sios anns a'
cheart kite 'san robh e a' cheud uair. Ann am priobadh
na sùla thainig tri sithichean far an robh e, agus iad
ann an corruich uamhasaich. Rug iad air, agus thug
iad dha droch chrathadh agus bhrùthadh; agus an sin
leig iad as e, a' bagradh diogiiahais bu mhiosa air, na 'm
faigheadh iad 'san àite cheudna e rithist.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence