Skip to main content

‹‹‹ prev (175)

(177) next ›››

(176)
SITHICHE CHOIRE OSBAINN AGUS AN
TAILLEAR.
Bha bean ciobair an Coire Osbainn aig an robh leanabh
a dh' fhàs ro chrosda agus duilich a bhanaltrachadh.
Cha robh fios aice fèin no aig a fear ciod a bha air an
leanabh, no ciod a dheanadh iad ris, gus an d'thainig
an Tàillear a dheanamh aodaich de dh' eige chlòtha air
ùr-thighinn as a' mhuileann luaidh. Air an ath latha
an deidh dha tighinn, chaidh bean a' chiobair do'n
àite-mhòine, agus dh' fhàg i an leanabh air a chùram
gus an tilleadh i. Goirid an deidh dhi falbh, gu de
a chuala an Taillear air a chùlaibh ach ceòl binn na
pioba moire. Sheall e an rathad as an d'thainig an
ceòl, agus CO a chunnaic e 'na shuidhe anns an
leabadh, ach seann duine beag, liath, le feadan
connlaich 'na bheul, agus e ag cur ri port a chluich
ris am bheil na rainn a leanas air an seinn:
Uist Oireannainn ! Uist Oireannainn I
Uist Oireannainn! Uist O thi !
'S fhada tha a' chaile gun tighinn
'S gu'm faigheadh an Cannan cloch.
Uist Oireannainn, etc.
Chum e air a' phort so a sheinn gus an cuala e am
boirionnach a' tighinn. An sin sguir an ceòl, agus
bha e 'na leanabh beag a rithist.
Cha d'innis an Tàillear do'n mhnaoi ni de na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence