Skip to main content

‹‹‹ prev (157)

(159) next ›››

(158)
136 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
o'n allt, agus anns an dol seachad ghlaodh i ris mar
air a' cheud oidhche: " Aonghais Mhoir, is leat fein
do bhean agus do mhac, ma dh' innseas tu
diomhaireachd na Ban-righ againne air Drochaid an
Easain Duibh air feasgar Di-iiaoine so a' tighinn."
Chuir an rabhadh a fhuair e mar so an dara h-uair
càil-eiginn de dh' iomagain air Aonghas, gu sònraichte
a chionn nach robh fios aige ciod a dh' fhaodadh
tighinn as.
Ràinig e an tigh, agus choinnich a bhean e anns an
dorus. Thug i fa-near gu'n robh ni-eigin ag cur
dragha air a inntinn, agus le sin dh'fheòraich i dheth
an t-aobhar. Dh' innis e dhi gach ni a chunnaic agus
a chuala e aig an t-Sithean.
" Aonghais, a ghaoil nam fear," ars a bhean, " na
cuireadh ni dheth sin iomagain ort. Fhuair thu mise
mu'n do ruith a' bhliadhna mach, agus le sin na
cuireadh mise cùram tuilleadh ort."
"A bhean, cha'n 'eil mi 'gad thuigsinn," ars
Aonghas. An sin thubhairt i:
*' Mu thuaiream bliadhna roimhe so thàinig laigse
orm, agus mi a' dol seachad air an t-Sithean. Shuidh
mi sios, agus an ùine ghoirid thuit mi am chadal. An
uair a dhCiisg mi, bha mi anns an aon àite bu bhrèagha
a chunnaic mi riamh agus air mo chuartachadh le fir
agus le mnathan ag cur ri dannsadh. Dh' fheuch mi
ri dol a mach, ach ge b' e taobh a ghabhainn, bhitheadh
na sithichean — oir b' iad a bh' ann — romham. Mu
dheireadh thubhairt fear aca a bha a reir coltais 'na
cheannard air each : ' Ainnir dhonn nam mlo^^huil,
gheibh thu mach, ma gheallas tu gu'm bi thu ad
mhnaoi agam-sa, mur faigh thu do roghainn graidh r*a
phòsadh mu 'n tig bliadhna o'n nochd.' Bha mi cho
toileach faotainn as is gu'n d'thug mi dha mo
ghealladh. Ach, Aonghais, bu tusa mo roghainn a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence