Download files
Complete book:
Individual page:
Thumbnail gallery: Grid view | List view
![(152)](https://deriv.nls.uk/dcn17/7659/76597956.17.jpg)
130 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
uair a chuala e a' ghàir cheudna an treas uair, thuig
e gu'm b' ann o na sithichean a thàinig e; agus
ghlaodh e cho àrd riu fhein : "Agus cuid dhomh-sa
dheth cuideachd." Air ball sguir a' ghàir, agus an
sin dh'iomain e 'n crodh chum na buaile.
Bha na banaraichean 'gam feitheamh, agus ioghnadh
orra gu de a ghlèidh iad cho fada. Thòisich iad air
am bleoghainn ; ach mu'n d'fhuair iad an leth seachad,
cha robh soitheach air a' bhuaile nach robh ag cur
thairis le bainne. Cha b' urrainn iad a thuigsinn
ciamar a dh' fhàs am bainne cho pailt ann an ùine cho
goirid; mu dheireadh, thòisich iad air an t-sid a
mholadh agus a ràdh gu 'm b' i a b' aobhar do'n
phailteas.
Dh' eisd mac an tuathanaich gu foidhidneach ris
gach ni a chuala e, ach thubhairt e ris fèin nach robh
am bainne cho pailt anns na h-uile baile 's a bha air
a' bhaile aca-san an latha sin, agus nach bitheadh e
cho pailt an sud cuideachd, na'n do leig esan leis na
sithichean, an uair a bha iad 'ga tharruing g'an
ionnsaidh anns a' choire.

Set display mode to: Large image | Transcription
Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated.
Early Gaelic Book Collections > Matheson Collection > Folk tales and fairy lore in Gaelic and English > (152) |
---|
Permanent URL | https://digital.nls.uk/76597954 |
---|
Description | Items from a collection of 170 volumes relating to Gaelic matters. Mainly philological works in the Celtic and some non-Celtic languages. Some books extensively annotated by Angus Matheson, the first Professor of Celtic at Glasgow University. |
---|
Description | Selected items from five 'Special and Named Printed Collections'. Includes books in Gaelic and other Celtic languages, works about the Gaels, their languages, literature, culture and history. |
---|