Skip to main content

‹‹‹ prev (127)

(129) next ›››

(128)
106 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
Hug O! gu h-ai reach
Bha mnathan a' bhaile,
Hug O ! gu h-aireach
Gu snigheach, galach,
Ag caoidh an leinibh,
A' falbh na coille,
'S an ciochan geala
Ag call a' bhainne.
M' ulaidh agus m' aoibhneas,
*S e do ghoid a rinn mi
Air a' mheadhon-oidhche,
Gun choinneil no gun choinnleir,
Gun solus no gun soillse.
Tha thu agam o 'n uraidh,
'S gur tu m' ulaidh.
Bidh tu 'm bliadhna gu h-ùr uallach
Air mo ghualainn feadh a' bhaile,
'S tu mo leanabh mileiseach, maileasach.
Glag fo lùirich!
'S tu ceann-feadhna
Nan each snàgach.
'S tu mo leanabh
Ruiteach, reamhar;
Mo shult is m' fhiughair,
Mo luachair bhog,
Am bi m' aighear.
'S truagh nach fhaicinn fhein do bhuaile
Gu h-àrd àrd air leacainn sleibhe
Còta caol, coilearach, uaine,
Mu do ghualainn agus lèine.
'S truagh nach fhaicinn fhein do sheisreach,
Fir 'na deidh 'cur an t-sil ;
'S Mac-Comhnuill le 'chrann-treabhaidh
'S a charbad ann cuide ribh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence