Skip to main content

‹‹‹ prev (121)

(123) next ›››

(122)
SGEOIL MU SHITHICHEAN, DAOINE - SITHE.
SITH-BHRUTHAICH, NO DAOINE BEAGA,
NO DAOINE MATHA.
Torr-a-Bhuilg.
O CHEANN fhada thuit do bhean bhochd tadhal ann an
tigli làimh ri Torr-a-bhuilg. Cha robh 'san am duine
stigh ach bean-an-tighe agus coltas leinibh bhig. Bha
'n leanabh 'ga aoirneagaich fein air ar ùrlar, agus an
aon sgriach as a cheann a latha 's a dh'oidhche.
Dh'fheòraich a' bhean bhochd gu de 'n gille a bh'
aice an sin air an ùrlar. Fhreagair bean-an-tighe
nach robh fhios aice. " Ma-tà," ars a' bhean bhochd,
" tha fhios agam-sa gu math gu de th'ann, agus ma
ghabhas tu mo chomhairle-sa, gheibh thu cuidhte 's e;
ach mur gabh, gheibh thu do leòir dheth. Thuirt bean-
an-tighe gu'n gabhadh i 'comhairle, agus an sin
dh'innis a' bhean bhochd di ciod a dheanadh i ris.
An deidh do 'n bhean-bhochd falbh, chaidh bean-an-
tighe mach agus thug i stigh basgaid uibhean a chuir
i 'nan cuairt air an ùrlar. Am feadh bha i ri sin, bha
'n gille air an ùrlar, a' coimhead oirre gu dùr; agus
mu dheireadh thuirt e rithe gu colgarra: " Gu de tha
thu 'deanamh mar sin?" "Tha coire-togalach,"
ars ise. "Coire-togalach! Tha mi còrr agus tri
cheud bliadhna, agus gus a so cha'n fhaca mi a leithid
sin de choire-togalach."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence