Skip to main content

‹‹‹ prev (117)

(119) next ›››

(118)
[BEITHRICHEAN BEINN BHEITHIR.l
B' E ceud ainm an t-sleibhe làimh ris am bheil luchd-
turuis do Ghleann Comhann air an cur air tir, Beinn
Ghuilbin, ach a nis 's e theirear ris Beinn Biieithir.
Fhuair e an t-ainm so o bheithir a bha o cheann fada
a' gabhail fasgaidh 's a' Choire Liath, lag mòr, a tha
'n aodann an t-sleibhe, agus is beag nach 'eil dlreach
OS ceann ceidhe Bhaile-chaolais. Bha 'bheithir so, a
reir coltais, 'na culaidh-eagail do'n dijthaich uile mu
'n cuairt. O bheul a' Choire bha sealladh aice air a'
cheum a bha a' dol timchioll bun na beinne, agus na'n
tugadh am fear-turuis aineolach ionnsaidh air imeachd
seachad oirre, leumadh i sios agus reubadh i 'na
mhirean e.
Cha robh duine aig an robh a chridhe ionnsaidh a
thabhairt oirre, no aon a b' urrainn innseadh ciamar a
dh'fhaodadh cur as di, gus an d' thàinig Teàrlach
Sgiobair an rathad. Dh' acraich e 'n soitheach aige
a.star math a mach o'n àite 'sam bheil an ceidhe nis
suidhichte; agus eadar an soitheach agus an cladach
rinn e drochaid de bharaillean falamh, ccangailte r'a
chèile le ròpaibh, agus Ian de speicean iaruinn. An
uair a bha 'n drochaid criochnaichte, las e teine mor
air bòrd an t-soithich, agus chuir e piosan feòla air na
h-eibhlibh. Cho luath 's a ràinig fàileadh na feòla
l<jisgte 'n Coire, theirinn a' bheithir 'na leumannan a dh'
ionnsaidh a' chladaich, agus as a sin dh'fheuch i ri
rathad a dheanamh air na baraillean a mach chum an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence