Skip to main content

‹‹‹ prev (107)

(109) next ›››

(108)
86 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
màireach a ghabhail foise, ach 'na dheidh sin gabhaidh
gach aon againn a rathad fein, agus am fear a bheir
dhachaidh an tuilleadh creiche fad tri oidhchean, bithidh
e 'na cheannard air each, agus cha bhi ni aige r'a
dheanamh, ach coram a ghabhail de'n tigh, am feadh
'bhios a chompanaich air falbh." Chord so gu math
ri lain, agus dh' fhuirich e aig an tigh gus an d'thàinig
ceud la na deuchainne.
An sin dh' fhalbh e agus ghabh e mar rinn gach aon
de'n bhuidheann, a rathad fein. An uair a thàinig an
oidhche, phill e dhachaidh leis a' phocan chopair, a
dh' fhalaich e làimh ris an tràigh, agus cha robh aig
aon de 'n chuideachd uibhir ris. Dh'fhalbh e 'n ath
latha, agus phill e 'san oidhche leis a' phocan airgid,
agus ma rinn e na b' fhearr na 'chompanaich a' cheud
la, rinn e seachd feabhas riu an la sin. Air an treas
la dh'fhalbh e air-son an uair mu dheireadh, agus thug
e dhachaidh am pocan òir. Dhòirt e na bh' ann air
an ùrlar, agus dh' fheòraich e an d' rinn aon air bith
aca na b' fhearr? Fhreagair iad uile nach d'rinn, agus
a chionn gu'n robh esan cho math ri 'ghealladh riu-san,
gu'm bitheadh iad-san cho math ri 'n gealladh ris-san,
agus rinn iad e 'na cheannard thairis orra uile.
Air an ath latha dh'fhalbh na robairean a shireadh
am fortain, ach dh 'fhuirich Iain aig an tigh. Cho
luath 's a fhuair e leis fein, smuaintich e air an tigh
a rannsachadh. Thug e nuas pasg mòr iuchraichean,
a chunnaic e crochte air tarrainn anns a' bhalla, agus
dh'fhosgail e leò gach seòmar 'san tigh ach an aon.
Bha iuchair an aoin sin falaichte aig a' bhoireannach,
agus dhiiilt i an toiseach dealachadh rithe. Ach air do
Iain innseadh diii gu'm b' esan a nis an ceannard,
agus gu'm feumadh i bhi ùmhal da, thug i suas an
iuchair.
An sin dh'fhosgail e dorus an t-seòmair uaignich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence