Skip to main content

‹‹‹ prev (97)

(99) next ›››

(98)
76 FAIRY TALES AND FOLK LORE.
beò, ach gu'n iarradh e cead brathair 'athar. Dh'
fhoghainn sin leis an Sgiobair, agus dh'fhalbh Iain
Dubh dhachaidh le cabhaig mhoir.
Moch air an ath latha thill e air ais 'na ruith 's 'na
leum, agus mu'n gann a fhuair e air bòrd, thubhairt
e le gairdeachas gu'n d' fhuair e làn-chead o bhràthair
'athar falbh leis an luing. "Agus an d' thubhairt e
diog riut mu mhuinntireas a ghabhail ? " ars an
Sgiobair. " O, thubhairt," fhreagair Iain Dubh,
" tha mi ri mi fein a cheangal ris an luing fad choig
bliadhna, chum gu'n ionnsaich mi an t-seòladaireachd
gu ceart." " Agus gu de a thubhairt e riut mu
thuarasdal? ' "Thubhairt gu'n robh mi ri bonn-a-sè
fhaotainn aig ceann a' cheud mhiosa agus da bhonn-a-sè
aig ceann an dara miosa, a' dùblachadh mar sin duais
gach miosa gu deireadh nan coig bliadhna."
Rinn an Sgiobair glag mòr gàire air tuarasdal Iain
Duibh, agus gun smuainteachadh roimh laimh air ciod
a bha e 'dol a dheanamh, thubhairt e: " Gheibh thu
sin, a laochain "; agus chaidh Iain a cheangal ris an
luing le bann-ct-irde.
Air an ath latha sheòl an long a mach as an
Acarsaid, agus chaidh i air turus-cuain do dhiithaich
fad' air falbh. Ràinig i an t-àite gus an robh i ri del,
agus dh'fhuirich i fada thairis, ach aig ceann cheithir
bliadhna phill i air a h-ais do Shasunn, agus ann an
toiseach na coigeamh bliadhna de mhuinntireas Iain
Duibh, ràinig i 'm baile-puirt d'am buineadh i.
Thàinig a sealbhadairean air bòrd oirre, agus an
d^idh dhoibh an Sgiobair fhàilteachadh, thòisich iad
air amharc mu thimchioll na luinge.
Bha Iain Dubh air fas 'na ghille gasda agus 'na
sheòladair taghta. Ach fathast cha d'fhuair e peighinn
a thuarasdail, na b' fhaide na tasdan no dhà a nis 's a
rithist an uair a bhitheadh e 'dol air tir leis na seòladair-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence