Skip to main content

‹‹‹ prev (85)

(87) next ›››

(86)
64 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
an sin ris fein : " Nach bu mhath an so Seabhag
Chreag na Sgeilpe.
Mu 'n gann bha 'm facal a mach as a bheul, thàinig
an uSeabhag choir, agus thug i air ais an Caiman
marbh, agus dh' fhàg i aig a chasan e. Cha bu luaithe
a dh' fhosgail Cathal an t-eun na thuit ubh a mach
as, agus rol e stigh do chàrn mòr chlach a bha dlùth
do 'n àite.
Ghlaodh an sin a' bhean ris: "A Chathail O'
Cruachain, greas ort: tha am Famhair an dèidh tighinn
thar faothar na beinne a' gabhail gach sligh' a's
giorra na chèile." An sin thubhairt Cathal: "Nach
bu mhath an so Dreathan-donn Sruth an t-Siubhail, "
agus mu 'n gann a thubhairt e 'm facal, sud an
Dreathan a stigh do 'n chàrn, agus a mach thàinig e,
is an t-ubh aige 'na ghob. Cha mhor nach robh am
Famhair aig an Dreathan cho luath ri Cathal O'
Cruachan. Ach shin an Dreathan an t-ubh do
Chathal, chuir e fo bhròig e, agus bhrist e e. Cha
luaithe a bhrist Cathal an t-ubh na thuit am Famhair
marbh an taobh a stigh do leth-cheud ceum dha.
Dh' fhuirich Cathal O' Cruachan agus a bhean an
oidhche sin an tigh an Fhamhair, Air an ath latha
thug iad leò gach or is airgiod a bh' ann. Thug iad
leò, mar an ceudna, Dreathan-donn Sruth an t-Siubhail,
Seabhag Chreag na Sgeilpe, agus Madadh na
Maoile Moire. Agus an uair a ràinig iad an dachaidh
fein, rinn iad cuilm mhor, thlachdmhor dhoibh fein,
d' an coimhearsnaich, is d' an càirdean.
'N uair a theirig a' chuilm, thubhairt am Madadh:
" Feumaidh sinne 'bhi falbh."
Ach thubhairt Cathal: "Cha bhi." "Feumaidh
mise falbh co dhiiibh," deir am Madadh, " oir bithidh
mo thigh air a robadh aig sionnaich, aig feòcullain, is
aig taghain." Thubhairt an t-Seabhag: " Feumaidh
mise falbh cuideachd, oir bithidh mo dhachaidh air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence