Skip to main content

‹‹‹ prev (83)

(85) next ›››

(84)
62 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
Air an la màireach 'n uair a bha e 'gabhail beann-
achd leis, thubhairt e ris: " Ma thig càs no èiginn ort
ri d' thim, anns an dean mise feum dhuit, cuimhnich
orm-sa, agus bithidh mise ri d' thaobh."
Air feasgar an la sin ràinig e tigh an Fhamhair.
'N uair chunnaic a bhean e, thubhairt i ris:
" Feumaidh tu dol am falach, oir marbhaidh am
Famhair thu, cho luath 's a thlg e." Chuir i an sin
am falach e cho math 's a dh' fhaodadh i.
'N uair a thàinig am Famhair as a' Bheinn-sheilge,
agus a chaidh e stigh, thubhairt e: "I! Ho!
Hothagaich ! tha mi a' faireachdainn fàile arrabhalaich
an so an nochd." " Cha'n 'eil ann ach eun a thug an
cat a stigh 's a tha mise a' ròstadh."
'N uair a chaidh am Famhair a laighe, thòisich a'
bhean ri ràdh ris: " Cha ghabh thu marbhadh leis cho
làidir 's a tha thu." " Cha ghabh mi marbhadh le
leum orm fèin aghaidh ri aghaidh," ars am Famhair.
" Ach am faca thu an stoc a tha mach mu choinneamh
an doruis? Tha caora am broinn an stuic, agus tha
eun am broinn na caorach, agus tha ubh am broinn an
eòin : agus co fhad* 's a bhitheas an t-ubh slan, tha
mo bheatha-sa tèaruinte.
Dh' eirich am Famhair 's a' mhaduinn, agus thog e
air do 'n Bheinn-sheilge. Cha bu luaithe a chaidh e
as an t-sealladh thar gualainn na beinne na bha Cathal
a mach leis an tuaigh. 'N uair a sgoilt e 'n stoc, leum
caor' air falbh as le luathas mor. vSheall e as a deidh,
agus chunnaic e nach robh ann ach faoineachd dha
dol 'ga ruith. An sin thubhairt e ris fein: " Nach bu
mhath an so Madadh na Maoile Moire," agus mu 'n
gann bha am facal a mach a 'bheul, bha 'm Madadh
am broilleach na caorach. Thàinig e leatha, agus dh'
fhàg e i eadar a chasan. Dh' fhosgail Cathal an sin
a' chaora, ach cha bu luaithe a rinn e sin na leum eun
a mach aisde, agus a sgiath e air falbh. Thubhairt e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence