Skip to main content

‹‹‹ prev (73)

(75) next ›››

(74)
52 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
fèidh a leigeil as, agus na coin 'nan dèidh. Ach mu
'n deachaidh iad ro fhada mharbh cù a' mhuìHeir dà
fhiadh, agus an cù a b' fhaigse dha aon fhiadh.
An uair a bha 'n rèis seachad, thàinig an Righ far
an robh am muillear, agus dh' fheòraich e dheth c'àit'
an d' fhuair e 'n t-each, agus an cù a bh' aige.
Fhreagair e gu 'n d' fhuair e coingheall dhiubh o
dhuine 'thàinig a dh' ionnsaidh a thighe, agus a fhuair
cead fuireachd ann ; agus gu 'n robh seabhag-sheilg'
aige cho brèagh 's a chunnaic duine riamh. " Falbh
dhachaidh, agus innis dha gu 'm bi reis-sheabhag an
so am màireach," ars an Righ, "agus bi cinnteach
gu 'n toir thu leat e fèin agus a sheabhag chum na
reis."
Dh' fhalbh am muillear dhachaidh, agus dh' innis
e do 'n choigreach mar chaidh dha aig an reis, agus
am fios a chuir an Righ leis.
Air an ath mhaduinn dh' fhalbh Uilionn òg agus
am muillear leis an t-seabhaig, agus ràinig iad an
Caisteal an am. Chaidh sè calmain a leigeil as, agus
na seabhagan as an deidh. Ach mu 'n deachaidh iad ro
fhada, spad seabhag Uilinn òig an t-sè.
An sin chaidh an Righ far an robh an coigreach
aig an robh i, agus nach d' aithnich duine 'làthair,
agus thubhairt e ris: " An reic thu 'n t-each, 's an cCi,
agus an t-seabhag a th' agad, agus bheir mi dhuit pris
mhath orra?" Fhreagair an coigreach nach reiceadh ;
ach gu 'n tugadh e dha rud beag eile a bh' aige, gun
dad idir. Thug e 'n sin an fhiacail a mach as a
phòc', agus shin e i do 'n Righ, ag radh : " Feuch
ciamar a fhreagras sin duibh."
Air ball dh' aithnich an Righ a mhac, agus rinn e
gàirdeachas mòr r' a fhaicinn slàn, fallain. Mhol e
'n sin e air-son na h-oibre a rinn e air a sgàth-san.
" Rinn mi obair a tha cheart cho math ri sin. Thug
mi dhachaidh mo bhean, a ghoideadh uam, bliadhna

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence