Skip to main content

‹‹‹ prev (69)

(71) next ›››

(70)
48 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
robh e fad' o'chàirdean agus dlùth d'a naimhdean,
thug e brosglachadh air fein, agus le aon bheum
fuilteach thilg e 'n ceann de 'n Ghaisgeach. Leum e
'n sin a stigh thar a' bhalla, ach chuir Iain Dubh
Mòr dùbhlan 'na dhèidh mar air an oidhche roimhe.
Air an ath làtha agus air an la 'na dhèidh thachair
gach ni mar air a' cheud da la, agus chuir e na cinn
bharr Gaisgeach na Sgeithe-gile agus Gaisgeach na
Sgeithe-duibhe.
Bha nis na Gaisgich uile marbh, agus air an ath
mhaduinn bha Iain, Dubh Mor fein aige ri choinneach-
adh. Leum e stigh thar a' bhalla, agus air an oidhche
sin ghabh a bhean aige cho math 's a b'urrainn i.
Air an ath mhaduinn leum e mach mar b' abhaist da,
agus tharruinn e fein agus Iain Dubh Mor an dàil a
chèile. Chòmhraig iad air tùs le 'n loinn, ach uair-
eigin air feadh an la thainig iad cho dlùth air a chèile
's gu 'n deachaidh iad an spairn chruaidh ghleac.
Dheanadh iad bogain à bhogain agus creagain à
chreagain, far am bu bhuige e 'dol fodha gu ruig an
sùilean, agus far am bu chruaidhe e gu ruig an
glùinean, agus far am bu mheadhonaiche e gu ruig
ceann reamhar na sleisde. Mu chromadh na grèine
chuir Uilionn òg Iain Dubh fodha, agus thilg e 'n
ceann dheth.
An uair a chunnaic a bhean so, ruith i dh'
ionnsaidh a' gheata agus dh' fhosgail i e, air chor 's
nach do ruig a fear leas am balla leum air an oidhche
sin. Dh' fhuirich iad le cheile anns a' Chaisteal gus
an do leithiseadh creuchdan Uilinn òig. An sin rinn
iad deas air-son pilltinn dachaidh, agus thug iad leò
gach or agus airgiod a bh' anns a' Chaisteal. Thug
iad leò mar an ceudna each agus mialchu agus
seabhag-sheilge Iain Duibh Mhoir; agus, ni 'bu
phriseile leò na gach ni eile, fiacail Righ na Grèige.
Bha 'n t-astar fada, agus ghabh iad ùine mhath air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence