Skip to main content

‹‹‹ prev (49)

(51) next ›››

(50)
28 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
tuarasdail do shlaoightearan ghoibhnean ; oir theid
agam fhein a nis air crùidheadh as an eugmhais.
Tiugainn a mach, agus cuidich leam an t-each ban a
chrùidheadh, oir tha agam ri dol leis do 'n bhaile an
ùine ghoirid." An uair a chrlochnaich e na bh'aige
ri ràdh, dh' fhalbh e do 'n stàbull, agus gheàrr e casan
an eich bhàin dheth, agus an sin thug e stigh do 'n
cheàrdaich iad, agus chàraich e iad anns an teine.
Chuir e a bhean a sheideadh a' bhuilg, agus chaidh e
fein a chumail guail air na casan. An uair a shaoil
e gu'n robh iad deas, shlaod e te dhiùbh mach a dh'
ionnsaidh an innein, agus bhuail e buille oirre leis an
òrd. Ach bha 'chas 'na cnàimh guailte suas g' a leth,
agus uime sin chuir am buille i *na sgealban air feadh
na ceardaich. Bha 'n còrr de na casan air a' cheart
chor, agus le sin cha robh aig a' Ghobhainn Dubh ach
an t-each ban, bochd a chur a cradh gun dàil, agus a
chlosach a chur fo 'n talamh cho sàmhach 's a b'
urrainn e.
Uine mhath an dèidh do 'n dara duin'-uasal falbh,
thainig an treas duin'-uasal do 'n cheàrdaich, agus da
chailleach maille ris. Thubhairt e ris a' Ghobhainn
Dubh: "An dean thu dhomh-sa nighean òg de 'n da
chaillich so, agus bheir mi dhuit duais mhath air-son
do shaothrach ? " Fhreagair an Gobhainn Dubh:
"An e mise? Cha d' rinn mise riamh ach suic."
" An toir thu dhomh fhein, ma-ta, tacan de 'n cheàrd-
aich, agus de d' chuideachd? ars an duin'-uasal.
" Gheibh thu sin," fhreagair an Gobhainn Dubh.
"So, ma-ta! bi 'n greim. Is iomadh ni a dheanadh
fear, na 'm bitheadh aige de mhisneach gu 'm feuch-
adh e ris." Chuir iad na cailleachan anns an teine,
agus chaidh an duin'-uasal a sheideadh a' bhuilg, agus
an Gobhainn Dubh a chumail guail air an teine. An
uair a thug iad garadh math do na cailleachan,
tharraing iad a mach iad a dh' ionnsaidh an innein;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence