Skip to main content

‹‹‹ prev (47)

(49) next ›››

(48)
26 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
fàilte an latha 'chur air a' ghobhainn, thubhairt e: " B'
fhearr learn gu 'n cuireadh tu crùidhean air an each
agam, oir tha e cho deireasach 's nach 'eil
comas ceum aige." " An e mise? " ars an Gobhainn
Dubh, " cha d' rinn mise ball riamh de dh' obair
goibnneachd ach suic chrann-treabhaidh." Fhreagair
an duin'-uasal: "Is iomadh rud a dheanadh duine
na'm bitheadh de mhisnich aige gu 'm feuchadh e ris.
Feiich thusa, agus cuidichidh mi fhein leat." " Seadh,
seadh, ma-tà ! nl mise cho math 's is urrainn mi,"
fhreagair an Gobhainn Dubh.
Chaidh an duin'-uasal a mach, agus gheàrr e
ceithir chasan an eich dheth o na glùinean. Thug e
stigh iad, agus charaich e iad 'san teine. Chaidh e
fein air làimh a' bhuilg, agus bha 'n Gobhainn a'
cumail an teine diiinte mu na casan. An dèidh dhaibh
a bhi tacain maith 'san teine, ghlaodh e ris a' Ghobh-
ainn Dubh: "Mach leis an teas." Rug an Gobhainn
air an teanchair, agus shlaod e mach a' cheud chas a
dh' ionnsaidh an innein. Ghlac e 'n sin an t-òrd-
làimh, agus leum an duin'-uasal a dh' ionnsaidh an
uird-mhoir, agus le beagan bhuillean chrùidh iad a'
chas cho glan 's a rinn gobhainn riamh. An uair a
bha iad rèidh dhith, ghabh iad na casan eile, agus
chrùidh iad te mu seach dhiiibh air an dòigh cheudna.
An sin ghlaodh an duin'-uasal ris a' Ghobhainn Dubh:
" Bi mach leis an da chois thoisich, agus buail iad
'nan aite fein air an each." Rinn an Gobhainn Dubh
sin, agus rinn an duin'-uasal fein an ni ceudna air an
da chois dheiridh.
Ann an tiota dh' èirich an t-each cho slàn *s bha e
riamh, agus crùidhte, deas, air-son an rathaid. An sin
leum an duin'-uasal 'san diollaid, agus dh' fhalbh e.
Cho luath 's a dh' fhalbh an duin'-uasal, chaidh an
Gobhainn Dubh a stigh do 'n tigh, agus thubhairt e
r' a mhnaoi: "Cha bhi mi na 's fhaide 'paidheadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence