Skip to main content

‹‹‹ prev (39)

(41) next ›››

(40)
l8 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
tri cheud eile, nach dean thu ni d'a leithid; ach gu
'n dean mise rud a thèid air thoiseach air an rud a ni
thusa."
Dhealaich na laoich, a' gealltainn a chèile a
choinneachadh an ath fhaidhir, leis na rudan a dhean-
adh iad.
Aig deireadh an la phill an Gobhainn Dubh dhach-
aidh 's a' chairt, mar b' àbhaist dha. Air an ath
mhaduinn thionn' e mach do 'n cheàrdaich agus
thòisich e air tuilleadh shoe a dheanamh. Chum e
orra la an deidh la gus an d' thàinig an la roimh 'n ath
fhaidhir. Air feasgar an la sin, thàinig duin'-uasal
a stigh do 'n cheàrdaich, agus thubhairt e ris a'
Ghobhainn Dubh: "Am bheil guth idir agad air an
rud sin a dheanamh leis am buidhinn thu 'n geall air
Gobhainn-an-Righ ? Mur tòisich thu gu h-ealamh, bi
cinnteach gu 'n caill thu." Fhreagair an Gobhainn
Dubh: " Cha'n 'eil fhios agam ciod a tha thu 'ciallach-
adh ! Cha'n fhiosrach mi gu 'n do chuir mi geall air
bith ri Gobhainn-an-Righ." " Chuir thu sin," ars an
duin'-uasal: " Bha mi fein 'san èisdeachd, agus chuala
mo chluasan fein thu 'cur tri chetid marg ris."
" Ma-tà, caillidh mi; oir cha d' ionnsaich mi riamh
ni saoghalta a dheanamh ach suic," ars an Gobhainn
Dubh. "Cum a suas do mhisneach," ars an duin'-
uasal. " Ma bheir thu dhomh-sa leth na bhuidhneas
tu, ni mise dhuit rud a choisneas an geall."
" Bheir mi dhuit sin le m' uile chridhe," ars an
Gobhainn Dubh.
Gun tuilleadh dàil chaidh an duin'-uasal an greim.
Rinn e 'n toiseach cnap math bocsa. An deidh sin
chuir e pios mòr iaruinn air an teallach, agus an ijine
ghoirid thug e mach e 'na mhialchu. Agus an uair
a bha gach ni deas, chuir e 'm mialchu anns a' bhocsa,
agus dhruid e 'm brod air.
"A nis," ars an duin'-uasal, agus e 'tionndadh ris

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence