Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
12 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
a fhuair i as, dh' fhalbh i rithist, mar a b' fhearr a
dh' fhaodadh i, gus an d' ràinig i uchdan cas 'na
slighe. A' direadh an uchdain so le spàirn chruaidh,
sgàin an cearcall, agus thubhairt i: " Ged sgain mo
chrios, cha do sgain mo chridhe." Dh' fhalbh i 'n
sin le deann, agus chum i air siubhal gus an robh
dubhadh air a tonnaibh agus tolladh air a brògan, na
h-eòin bheaga, bhuchallach, bhachlach, bhàrra-bhuidhe
a' gabhail mu thamh am bun nam preas agus am
bàrr nan dos, agus na h-easagan lughach, laghach a'
taghadh an aite 'b' fhearr a dh' fhaodadh iad dhoibh
fein, ged nach robh ise, nighean Ridire nan Gleann
's nam Beann 's nam Bealach. Chunnaic i mu dheir-
eadh tigli beag soluis fada bhuaipe; ach ma b' fhada
bhuaipe, cha b' fhada dhi-se 'ga ruigheachd.
Chaidh i stigh, agus thubhairt bean-an-tighe rithe:
*' O, an d' thainig thu, nighean an Ridire? 'S e do
bheatha 'n so an nochd. Bha 'n duine agad an so
an raoir, e fein agus a chlann, agus dh' fhalbh iad
moch 's a' mhaduinn." Fhuair i gabhail aice gu math
le bean-ani-tighe. Chuir i uisge teth air a casaibh,
agus leaba bhog fo 'leisibh. Agus an uair a bha i
'falbh anns a' mhaduinn thubhairt i, 's i sineadh snath-
aid dhi : "Sin agad snathad, agus an uair a ni thu
aon ghreim leatha, leigidh tu as i agus fuaighidh i 'n
sin leatha fein.
Dh' fhalbh i aon uair eile air a turns, agus chum
i air aghaidh gus an d' thainig i air coltas aite duin*-
uasail. Chunnaic i tigh beag roimpe, agus rinn i
direach air. Ciod a bha 'n so ach tigh cailleach-chearc
an duin'-uasail. Chaidh i stigh, agus fhuair i cead
fuireachd.
Cha robh i ach goirid an sin an uair a thug i fa-near
gu 'n robh gluasad mor am measg muinntir a' bhaile.
Dh' fheòraich i de chailleach - nan - cearc ciod a b'
aobhar do'n ghluasad; agus dh' innis a' chailleach dhi

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence