Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
RIDIRE NAM BEANN 'S NAN GLEANN 'S NAM
BEALACH.
Bha ann roimhe so ridire beairteach ris an abradh
daoine Ridire nam Beann 's nan Gleann 's nam Bealach.
Mu choinneamh Caisteal an Ridire so bha tulach
bòidheach uaine o 'm faiceadh e, 'n uair a sheasadh e
air a mhullach, gach bo is each agus ceithir-chasach
a bh' aige.
Air latha grianach brèagh chaidh e suas air an
tulach so agus an uair a sheall e m'a thimchioll, cha
robh beathach beò a bhuineadh dha ri fhaicinn. Sheas
e tacain far an robh e, a' smuainteachadh ciod a thàinig
riu, no c'àit' an rachadh e g'an sireadh. Am meadhon
a smuainteachadh thug e sùil sìos gu bun an tulaich,
agus ciod a chunnaic e 'na sheasamh an sin ach an
Gadhar Cluas-dhearg Ban.
" Gu dè fàth do sprochd an diugh, a Ridire nan
Gleann 's nam Beann 's nam Bealach?" ars an
Gadhar Cluas-dhearg Ban. " Is mor sin 's cha
bheag," fhreagair an Ridire. " Tha gach beathach
a bh' agam 's an t-saoghal air chall, 's gun fhios agam
c'àit' an deachaidh iad."
" Ma bheir thu dhomh-sa tè de d' nigheanaibh r' a
pòsadh, bheir mise air ais iad uile dhuit ann an tiota,"
ars an Gadhar Cluas-dhearg Ban. Thubhairt an
Ridire gu 'n tugadh, na'm bitheadh i fein toileach a
ghabhail; agus dh' fhalbh iad le cheile dh' ionnsaidh
a' Chaisteil.
Cho luath 's a chaidh iad a stlgh, chuir an Ridire

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence