Skip to main content

‹‹‹ prev (195)

(197) next ›››

(196)
192
Air an ath mhadainn bha'n ceò, agus an t-uisge gun
chaochlach, ged a bha sin mi-ghoireasach air dòigh bha e
gle shealbhach air sheòl eile, a thaobh nach bu leir do na
nàimhdean am faicinn ged a bha iad mu'n àm glè dhlù
dhaibh. Choisich iad gu cahna agus bha iad m\i dheich
uairean sa'n fheasgaraig Acha-nan-sabhal,(airan fhicheadh-
amh latha de'n mhìos.) 'Nuair a leag iad an aineil ann an
so car tacain, ghluais iad gu badan coille a bha ma
thuaiream da mhìle bho Acha-nan-sabhal, agus dh'fhan iad
ann an sin rè na h-òidhche fo shiann 's fo dhoireann.
Air an ath madainn thàinig Dòmhnullach Locha-Garaidh
agus Cam-Shronach nan Cluainean 'nan ceann. Ghluais a
phàirtidh gu leir as a' so agus ràinig iad bothan falaich a
bh'aig an dithis dhaoin-uaisP a chaidh aithris (Fear-Locha-
Garaidh, agus Fear nan Cluainnean) ann an badan coille
aig ceann-shios Loch-arcaig. Dhealaich na ceathairneich
ri Tearlach, ann an so, agus phill iad dhachaigh gu'n gleann
fein. Thug Tearlach dhaibh mar thuarasdal air son an
caoimhneis, trì gìnnidìu'an vìr an fhir.
CAIBIDIL XXXn.
TURAS THEAULAICH DO BHAIDKAXACH : A THEICHEADH Do'n
FHRAING.
Bha Tearlach a nis' air son dol a chòmhnuidh maille ri
Ckiainidh agus ri Loch-Iall, a chual e a bhi fantainn ann
an ionad f halaich sheasgair ann am beanntaichean Bhàidean-
ach, Air an aobhar sin chuir e duine do'm b'ainn lain
Mac-Coilbhinn, (fear do choitearan Loch-Iall fein) le litir
do Bhàideanach a dh'-fheuch am biodh na h-uaislean air
son da dol a chòmhnaidh maille riu.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence