Skip to main content

‹‹‹ prev (193)

(195) next ›››

(194)
190
nihadainn dh'eirich iad agus dhìrich iad sC monadh gus an
d'ràinig iad mar gheall iad ^0^1 teachdaire, mulach Beinn-
Eacharain air taobh tuath GhHnne-Canaich ; ma thuarieam
da fhichead mìle bho Pholl-Iù. Dh'fhan iad ann an taigh-
frithe Beinn-Eachal-ain, ged nach robh ann ach bothan
beag, suarach, fad dhà latha; gus an tigeadh an teachdaire
chaidh gu tuath air ais. Mu shia uairean sa'n fheasgar
(air an trea.s latha deuff) thainig e le fios gu'n tainig dà
long Fhrangach a steach do Loch-Iù a los am Prionns"' a
thoirt tharais, ach a thaobh nach do dh'amais iad air gu'n
robh iad a nis iar falbh, gu'n chuir iad ceathrar de'n sgiob'
air tir, agus gu'n deach triùir a dh'amharc a raach air a son
do Dhùthaich Loch-Iall, agus nach tainig iad riamh air an
ais, agus gu'n sheol an luingeas as an aonais.*
Chunnaic iad a nise nach robh buannachd sa'm bith
dhaibh a dhol na bThaide gu tuath ; agus phill iad air an
ais air uisge-Chanaich air an fheasgar sin fein, (an treas
latha deug), agus ma dhà uair sa mhadainn bha iad ann am
Fàs-na-CoiU ann an Srath-Ghlais : fhuair iad gabhail riu
ann an so gu tìùghantach, fiall, ann an taigh lain Shiseil,
tuathanach cothromach, a bha mach le Sisealaich eile na
dùthca sin ann an cogadh Thearlaich fein latha Chuil-
Fhodair.
Air madainn an t-sheachdamh latha diag thog iad orra,
ghabh iad an t-ath-ghoirid, agus bha iad aig Bruthaichean
Ghlimie-Moireaston mu dheich uairean ro mheadhon-latha.
* Thainig na longan so a steach do Chaolas Eilean-Iù ma mheadhon
an t-sàmhraidh, chuir iad ceithrear oifigheach gu tìr, chaidh dithis diu
so tarsuinn air na monaidhean gu Cnòideart, ghabh an dithis eile an
rathad mòr gu Cille-Chuimean agus chaidh an glacadh leis na
saighdearan dearga; agus fear aca dam b'ainm Pàdruig Gearr-Fhall
{F'dz(fhrald) a chriochadh ann an Inbher-Lòchaidh. Fhuair an dithis
eile a ghabh rathadh Chnòideart air falbh do'n Fhràing maille ris a'
Phrionnsa fcin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence